Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Geamaichean Oilimpigeach

Thuirt na Làbaraich agus Comataidh Thaghte Chùisean na Dùthcha, gum feum ceistean a fhreagairt mun dòigh anns an deach iarraidh air an Arm saighdearan a chur ris an tèarainnteachd aig na Geamaichean Oilimpigeach a tha a' tòiseachadh an ceann beagan is cola-deug. Tha e air failleachadh air a' chompanaidh G4S a tha os cionn tèarainnteachd aig na Geamaichean gu leòr de luchd-obrach fhastadh. Bheir Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, aithris èiginneach air an t-suidheachadh an ceann uair de thìde.

Thuirt Àrd-Inspector nan Crìochan agus In-Imrich, John Vine, gu bheil dragh airsan mu sgrùdadh air cead-siubhail aig Port-adhair Heathrow nuair a tha na h-Olympics ann. Thuirt e gur e oifigearan a tha a' tilleadh dhan t-seirbheis leis an ìre as lugha de thrèanadh a thèid fhastadh airson dèanamh cinnteach nach bi maill aig na gèataichean-sgrùdaidh. Ach thuirt e gun deach adhartas a dhèanamh a thaobh leasachadh air an t-siostaim airson dèiligeadh ri luchd-siubhail à dùthchannan eile.

Maoim-sneachda

Chaill co-dhiù sianar am beatha le maoim-sneachda sna h-Alps anns an Fhraing. Chaidh ochdnar eile a leòn. Tha sgiobannan teasairginn a' coimhead a-niste airson feadhainn eile den bhuidhinn a tha fhathast a dhìth ann an sgìre Chamonix, faisg air Mont Blanc.

Eaconamaidh na h-Alba

Tha eaconamaidh na h-Alba a' sìor fhàs mall gun cus choltais air fàs sam bith am bliadhna tuilleadh. Tha an aithisg as ùire bho Sheòmraichean Malairt na h-Alba airson nan trì mìosan mu dheireadh, ag ràdh gun deach gnìomhachas air ais, agus tha companaidhean ag ràdh gur e sin a tha romhpa cuideachd airson trì mìosan eile.

Siria

Dh'innis Tosgaire Shiria ann an Iorac gu bheil e a' fàgail Shiria ri linn, na bhriathran fhèin, "murt oilteil" a tha feachdan a' Chinn-suidhe Assad a' dèanamh air muinntir na dùthcha. 'S e Nawaf al Fares a' chiad àrd-dhioplamat a th' air Riaghaltas Shiria fhàgail bho thòisich an ar-a-mach am measg an t-sluaigh.

Oighreachd na Pàirce

Thèid tuilleadh fianais a thoirt do Chùirt an t-Seisein an-diugh ann an cùis uachdarain Oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas an aghaidh an Riaghaltais. Tha Barry Lomas a' cumail a-mach gu bheil Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn, a tha a' toirt cothruim do chroitearan an oighreachd a cheannach an aghaidh a thoil-san, a' briseadh lagh nan Còraichean Daonna.

Ionad Hiort

Tha a' bhuidheann a th' air cùlaibh a' phlana airson ionad fiosrachaidh Hiort ann an Ùige Leòdhais ag ràdh gu bheil iad a-niste deiseil airson airgead a thogail. Thuirt Joni Buchannan, Cathraiche Buidheann Leasachaidh Ionaid Hiort, gu bheil dùil aca an t-ionad a bhith deiseil an ceann còig bliadhna, agus thuirt i gum bi moladh bho Bhuidhinn Ghlèidhteachais nan Dùthchannan Aonaichte (UNESCO) na chuideachadh mòr dhaibh.