Gluasad eile mu Oighreachd a' Chrùin

  • 12 An t-Iuchar 2012
Cladach
Image caption 'S ann le Oighreachd a' Chrùin a tha còraichean air grunnd na mara a-mach gu 12 mìle-mara.

Thig Comataidh nan Cùisean Albannach aig Pàrlamaid Westminster a dh'Inbhir Nis san t-Sultain ri linn mar a dhiùlt Riaghaltas Westminster gabhail ris a' mhòr-chuid de na molaidhean aca mu obair Choimisein Oighreachd a' Chrùin air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.

Às dèidh dhaibh mòran fianais a chruinneachadh san sgìre, cho-dhùin a' Chomataidh gum bu chòir cumhachdan a' Choimisein a sgaoileadh a-mach gu na coimhearsnachdan.

Ach, chaidh sin a dhiùltadh.

Thuirt am BP Iain Davidson bhon Chomataidh gu bheil iad a' dol a thilleadh a bhruidhinn ris na h-aon daoine a-rithist airson beachd fhaighinn air an ath-cheum, 's gun toir iad cuireadh dhan Choimisean cuideachd.

Mhol a' Chomataidh gun deadh smachd air grunnd na mara a thoirt do choimhearsnachdan a chum 's gum faigheadh iad buannachdan bho leasachaidhean cumhachd ath-nuadhachail aig muir.

'S ann le Oighreachd a' Chrùin a tha grunnd na mara a-mach gu 12 mìle-mara, gu ruige crìch-mhara Bhreatainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo