Nithear sgrùdadh air seirbheisean adhair ùra bhon Aiseag

  • 11 An t-Iuchar 2012
Raon laighe an Aiseig
Image caption Tha an raon fhathast ri fhaotainn do sheirbheisean èiginn

Nithear sgrùdadh air raon-laighe an Aiseig san Eilean Sgitheanach, feuch am biodh e freagarach airson seirbheisean adhair a-rithist.

Dh'fhalbh am pleàna coimearsalta mu dheireadh às an raon-laighe ann an 1988.

Nì a' bhuidheann chòmhdhail HiTrans ath-nuadhachadh air aithisg mu sheirbheisean adhair bhon Eilean.

Tha leasachadh air an raon, a tha faisg air an Ath Leathann, am measg prògram ùr Chomhairle na Gàidhealtachd.

Eachdraidh

'S iad Corps nan Innleadairean Rìoghail a thog an raon-laighe, a tha ris a' chladach. Thug e dà bhliadhna dhaibh a dhèanamh, 's dh'fhosgail an raon gu h-oifigeil air an 14mh den Ghiblean ann an 1972.

Bha a' chompanaidh adhair Loganair an uair sin a' ruith sheirbheisean adhair eadar an t-Eilean, Glaschu agus Inbhir Nis.

Theirig na seirbheisean coimearsalta bho chionn còrr air 20 bliadhna ge-tà, leis an tè mu dheireadh ann an 1988.

Bhon uair sin tha bruidhinn air a bhith ann mu bhith ag ath-stèidheachadh sheirbheisean, ach chan eil iad fhathast air tighinn gu buil, ged a tha feum ga dhèanamh dhen làraich ann an dòighean eile - airson sheirbheisean adhair meidigeach agus cuirmean ciùil, mar eisimpleir.

Tha e fhathast ri fhaotainn do na seirbheisean èiginn agus na seirbheisean armaichte

Feumail

Tha fear de Chomhairlichean Eilean a' Cheò, Hamish Friseal, a' fuireach an ìre mhath faisg air an làraich.

Thuirt esan gur i seirbheis fheumail a bh' innte, 's gun do chleachd e fhèin an t-itealan corra uair.

"Bha e math airson faighinn a-mach às an Eilean gu sgiobalta, agus air ais dhan Eilean gu sgiobalta agus bha mòran dhaoine ga chur gu feum, ged nach robh gu leòr ann," thuirt e.

Ma 's e dìth chleachdaidh, agus dìth airgid a bu choireach gun do stad na seirbheisean ge-tà, 's i a' cheist, an gabhadh an tòiseachadh as ùr?

"Tha e an-diugh pìos mòr diofraichte", thuirt an Comh Friseal: "Tha barrachd 's barrachd dhaoine a' tighinn dhan Eilean a tha seo, agus tha barrachd 's barrachd ghnìomhachasan san Eilean a tha seo a' coimhead airson dòighean a bhith a' dol gu Tìr Mòr agus na bailtean mòra nas sgiobalta na tha iad air na rathaidean mòra.

"Tha adhbhar ann a-nis a bhith a' toirt beachd air dè an dòigh as fheàrr air seo a dhèanamh."

Tha prionnsabal na Colaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, Boyd Robasdan, ag ràdh gum biodh e gu math feumail seirbheisean adhair a bhith ann as ùr.

"Bidh mise a' dol gu mòran choinneamhan far am bi daoine às Uibhist, far am bi daoine à Barraigh neo à Leòdhas a' faighinn itealain sìos a Ghlaschu gu math socair. Tha agadsa ri siubhail ann an càr 's tha thu sgìth mus ruig thu."

Tha buidheann chòmhdhail na Gàidhealtachd, HiTrans, a-nis a' coimhead air na chosgadh e an raon-laighe aig Aiseag a chur gu feum as ùr airson sheirbheisean coimearsalta.

Prògram na Comhairle

Nuair a chaidh an taghadh sa Chèitean, chuir Comhairle ùr na Gàidhealtachd romhpa na h-uidhir de dh'amasan airson an ama eadar 2012 agus 2017.

Am measg nan amasan aca, tha leasachaidhean air seirbheisean còmhdhail na sgìre - rathaidean, seirbheisean rèile agus seirbheisean adhair.

Tha iad ag ainmeachadh gu seachd àraid gun toir iad taic bho leasachaidhean air puirt-adhair Inbhir Ùige, agus Eilein Sgitheanaich.

Rinn Comhairliche eile às an Eilean, Drew Miller - a tha na bhall Lib-Deamach air cò-bhanntachd riaghalaidh na Comhairle - tagradh làidir an leasachadh a bhith an lùib a' phlana.

"Bhiodh e a' ciallachadh obraichean matha. Bhiodh luchd-obrach a dhìth airson a' phuirt-adhair agus bhiodh cothroman ann a thaobh càraichean a ghabhail air màl, agus rudan dhan t-seòrsa sin. Dh'fhaodadh tòrr bàthair a dhol a-mach," thuirt e.

"Chan eil rian nach biodh na buannachdan eaconamach mòr".

Turasachd

Tha feadhainn a tha an sàs ann an gnìomhachas na turasachd ag aontachadh 's beachd ann gu bheil dìth puirt-adhair a' fàgail àite cho tarraingeach 's a th' ann mì-ghoireasach do luchd-siubhail.

Tha Boyd Robasdan a' faicinn nam buannachdan do thurasachd.

"'S e ceann-ùidhe air leth tarraingeach a th' anns an Eilean Sgitheanach airson luchd-turais agus shaoilinn-sa gum biodh fèill air leithid de sheirbheis le luchd-turais nam biodh e air a margaideachadh gu dòigheil," thuirt e.

Tha manadsair Thaigh-Òsta Dhùisdeil ann an Slèite, Mòrag Dhòmhnallach i fhèin ag ràdh gun cuireadh i fàilte air seirbheis adhair chunbhalaich.

"Nam biodh an t-itealan a' tighinn a-steach dhan Ath Leathann, bhiodh e sgoinneil air sàilleabh bhiodh e a' gearradh aon, trì, neo ceithir uairean an uaireadair far an ama siubhail aca agus bhiodh barrachd ùine aca airson a chur seachad san Eilean.

"An-dràsta bidh sinn a' faireachdainn aig amanan gu bheil daoine tighinn thugainn an seo a dh'fhuireach agus thig iad math dh'fhaoidte sa mhadainn 's bidh iad againn airson aon oidhche agus chan eil ùine aca an t-àite fhaicinn air fad."

'S i ceist eile a th' ann ge-tà, na chosgadh e an raon-laighe a thogail gu ìre choimearsalta.

Thuirt an Comh. Friseal gum faodadh £28m a bhith a dhìth airson am plana a thoirt gu buil, 's bhiodh sin aig a' char as lugha.

"Tha an sgrùdadh a tha a' dol an-dràsta," thuirt e, "bidh iad a' coimhead air a h-uile dòigh air a bhith a' toirt seirbheis a-steach gu Aiseag."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile