Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taigh nam Morairean

Mhaoigh na Libearalaich Dheamocratach gun dìol e air na Tòraidhean ann an Riaghaltas na Co-bhanntachd mur a gluais iad air adhart le planaichean airson leasachaidh air Taigh nam Morairean. B'fheudar dhan Riaghaltas cur às do bhòt an-raoir air clàr-ama airson nam planaichean an dèidh ar-a-mach am measg chùl-bheingearan Tòraidheach.

Prìs a' Bhainne

Tha tuathanaich bhainne bho air feadh na dùthcha a' cruinneachadh aig Westminster an-diugh agus iad a' cur an aghaidh gearradh eile san t-suim a tha na companaidhean mòra a' toirt dhaibh air gach liotair. Tha na tuathanaich ag ràdh nach seas iad ri sin agus gum feum atharrachadh a thoirt air an t-siostam a th' ann an-dràsta.

Càrlabhagh

Bhòt muinntir Oighreachd Chàrlabhaigh an Leòdhas an-raoir gun gluais iad air adhart le oidhirp air an oighreachd a cheannach. Bha mu 70 duine aig coinneimh phoblaich ann am Breascleit far an deach buidheann-stiùiridh a stèidheachadh.

Port-adhair an Eilein Sgitheanaich

Thèid sgrùdadh ùr a dhèanamh feuch an gabh port-adhair an Eilein Sgitheanaich fhosgladh as ùr gu seirbheisean adhair coimearsalta. Dh'fhalbh am plèana coimearsalta mu dheireadh à raon-laighe Athaiseag, faisg air an Ath Leathainn, bho chionn còrr is 20 bliadhna. Ach tha leasachadh air an làraich ann am prògram còig bliadhna Chomhairle na Gàidhealtachd.

Factaraidh Halls

Thuirt an t-aondadh USDAW gu bheil iad an dòchas tuilleadh fhaighinn a-mach an-diugh mu chùisean ionmhais aig factaraidh giollachd feòla Halls ann am Broxburn air Taobh Siar Labhdainn, nuair a choinnicheas iad ri luchd-stiùiridh. Tha an fhactaraidh an cunnart dùnadh le call 1,700 cosnadh.

Long Annaid

Tha poilis ann am Fìobha a' rannsachadh mar a dh'fhàs dithis luchd-obrach tinn aig Stèisean Cumhachd Long Annaid Diluain. Tha aithrisean ann gun robh iad tinn an dèidh bainne a òl, agus amharas ann gun deach a ghannrachadh. Chaidh na fir a thoirt dhan ospadal ach a leigeil dhachaigh air an aon là.

Oighreachd a' Chrùin

Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na tha ag ràdh gur e briseadh dùil a th' ann nach tèid còraichean air grunnd na mara a tha fo stiùir Oighreachd a' Chrùin a thoirt do choimhearsnachdan. Dh'innis Oighreachd a' Chrùin gun toir iad seachad cumhachd air iasgach eiseirean agus easgain, agus beagan fearainn ann am meadhan Dhùn Èideann, ach nach gabh iad ris an iarrtas airson nan còraichean aca air grunnd na mara a chur bhuapa.

Eilean Cholla

Tha a' Bhana-phrionnsa Anna ann an Eilean Cholla an-diugh a' dèanamh fosglaidh oifigeil air ionad choimhearsnachd ùr a chosg £2.5m. Tha iomadh seòrsa goireas ann, le ostal ùr cuideachd do luchd-turais.