Fèis Cheilteach Innse Gall a' tòiseachdainn

  • 11 An t-Iuchar 2012
Image caption Tha dùil ri daoine bho 19 dùthchannan aig fèis na bliadhna seo.

Tha Fèis Cheilteach Innse Gall a' tòiseachadh Diciadain.

Tha an fheadhainn a tha a' ruith na fèise an dòchas am bliadhna daoine a thàladh bho 19 dùthachannan, 's dùil gu bheil e a' cur £1.5m ri eaconamaidh na sgìre.

Bidh na cuirmean ciùil mòra a' tòiseachadh oidhche Ardaoin le leithid na Proclaimers, na Waterboys agus Skerryvore ri fhaicinn thar nam beagan làithean ri thighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile