Coinneamh mu oighreachd Bhreascleit is Chàrlabhaigh

  • 10 An t-Iuchar 2012
Dùn Chàrlabhaigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thuirt an t-uachdaran roimhe gum biodh e deònach am fearann a reic.

Gheibh daoine ann an Càrlabhagh agus Breascleit ann an Leòdhas cothrom am beachd a thoirt air co-dhiù bu mhath leotha am fearann a cheannach dhan choimhearsnachd.

Thèid coinneamh a chumail ann an Talla Coimhearsnachd Bhreascleit oidhche Mhàirt.

Thuirt an t-uachdaran ron a seo gum biodh e deònach an talamh a reic.

Bidh a' choinneamh ann airson beachd na coimhearsnachd fhaighinn, agus bidh eòlaichean fearainn ann airson comhairle agus stiùireadh a thoirt seachad.