Nochd Sgitheanach sa chùirt mu bhith a' goid chàbal fòn

  • 9 An t-Iuchar 2012
Càbalan fibre-optic
Image caption Tha càbalan fibre-optic bunaiteach do sheirbheisean fòn.

Nochd fear às an Eilean Sgitheanach anns a' chùirt ann an Dòrnach, an co-cheangal ri mar a chaidh càbal fòn a ghoid faisg air Loch Carrann.

Aig a' chùirt ann an Dòrnach, cha do rinn Alasdair Mac a' Phì, a tha 28 bliadhna de dh'aois, tagradh sam bith agus chuireadh a' chùis air adhart airson tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh.

Chaidh Mgr Mac a' Phì a shaoradh air urras.

Chaill na mìltean de dhaoine a tha a' faighinn seirbheis BT, cothrom na fònaichean dachaigh aca, seirbheisean èiginn 999 agus seirbheisean eadar-lìn a chleachdadh air a' mhìos a chàidh.

Bhathas às aonais nan seirbheisean thar grunn làithean, ri lìnn mar a chaidh, a-rèir choltais, càbal fòn fibre-optic a mhilleadh anns an sgìre.