Thug luchd-saidheans rabhadh mu mhaorach Loch Liùrboist

Tha luchd-saidheans a' toirt rabhadh do dhaoine gun maorach à Loch Liùrboist sna Lochan ann an Leòdhas ithe.

Fhuair sgioba a bha a' rannsachadh san locha às leth Bhuidhean Inbhean a' Bhìdh, gu bheil ìrean puinnsean maoraich nas àirde anns an uisge.

Tha iad ag ràdh gu faodadh e bhi cunnartach do dhaoine leithid feusgain às ithe.

Thathas a' cur soidhnichean an àrd ri taobh Loch Liùrboist a dh'ìnnse do dhaoine mun chunnart a dh'fhaodadh a bhi ann.

Chaidh iarraidh air buidhnean coimearsalta a bhios a' buain mhaorsgain san locha, gun a dhèanamh greis, gus an tuit ìrean algae san uisge.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2013 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.