Dragh mu sheirbheisean adhair nan Eilean Siar

  • 6 An t-Luchar 2012

Bidh seirbheisean adhair nan Eilean nas cinntiche ann an làmhan an Riaghaltais na tha iad le Comhairle nan Eilean Siar a bhith an urra riutha, a rèir fhir de chomhairlichean Bharraigh, Dòmhnall Manford.

Bha Mgr Manford a' bruidhinn às dèidh coinneimh co-chomhairleachaidh air na seirbheisean adhair ann am Barraigh.

Thig an cùmhnant airson nan seirbheisean eadar Uibhist is Steòrnabhagh, agus eadar Uibhist is Barraigh gu crìch sa Mhàirt an ath-bhliadhna.

Tha a' Chomhairle an-dràsta a' beachdachadh air co-dhiù bu chòir na seirbheisean a chumail a' dol, agus ma 's e 's gum bu chòir, dè an ìre.

Tha beachd ann gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba uallach a ghabhail air an son, mar a tha iad a' dèanamh leis na seirbheisean eile.