Leasachadh san Longman

  • 5 An t-Iuchar 2012

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson leasachadh luach £3m air làrach ghnìomhachais an Longman ann an Inbhir Nis.

Cheannaich a' chompanaidh leasachaidh ARK Estates còig acairean air Longman Drive, a' gabhail a-steach seann làraich na companaidh Strathaird Salmon.

Tha ARK Estates ag ràdh gum bi fèill mhòr air an fhearann am measg ghnìomhachasan.

Tòisichidh obair air na seann togalaichean a leagail anns na beagan sheachdainean a tha romhainn.

Tha dùil gun cruthaich an obair mu 80 dreuchd ann an gnìomhachas an togail le dòchas air na ceudan de dh'obraichean eile nuair a tha an làrach air a leasachadh.

Thuirt Friseal Grieve, Manaidsear na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig a' Chomhairle Albannaich son Gnìomhachais agus Leasachaidh (SCDI), gur e fìor dheagh naidheachd a tha seo airson a' chinn a tuath.

"Tha cothroman mòra ann an Inbhir Nis agus 's e seo an seòrsa leasachaidh air a bheil sinn feumach gus na cothroman a tha sin a thoirt gu buil," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile