Luchd-adhair gan ainmeachadh

  • 5 An t-Luchar 2012
Airmen
Bhon taobh Chlì: Sqd Ldr Samuel Bailey, Flt Lt Hywel Poole agus Flt Lt Adam Sanders

Dh'ainmich an MOD fear-adhair a bhàsaich, agus dithis a tha fhathast a dhìth ach ris nach eil dùil, às dèidh na tubaiste Tornado Dimàirt.

Bhàsaich Flt. Lt. Hywel Poole, a bha 28 agus à Bangor anns a' Chuimrigh, an dèidh mar a chaidh a thoirt do dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis, 's e air a fhìor dhroch ghoirteachadh.

Tha Sqd Ldr Samuel Bailey, 35 agus à Nottingham ann an Sasainn, agus Flt Lt Adam Sanders, 27 agus à Lancashire, fhathast a dhìth ann an Linne Mhoireibh.

Tha an aon fhear a thàinig beò às an tubaist, nach eileas ag ainmeachadh, fhathast ann an staid ìosail anns an ospadal an Inbhir Nis.

Thòisich iomairt feuch lorg fhaighinn air an dithis a tha fhathast a dhìth madainn Diardaoin.

Bha dithis air bòrd gach plèana, agus tha am BBC air fios fhaighinn gur e oide agus neach-trèanaidh a bha a' dèanamh suas an dà chriutha.

Bha an ceathrar criutha 's an dà itealan stèidhichte aig Ionad Feachd Rìoghail an Adhair Inbhir Lòsaidh ann am Moireibh.

Tha sgioba-rannsachaidh bhon RAF air a bhith aig làrach na tubaiste ann an long sgrùdaidh.

Bidh iad a-nis a' tomhas na tha a dhìth airson an dà itealan a thogail às a' mhuir.

Bidh luchd-sgrùdaidh nan tubaistean-adhair cuideachd a' sgrùdadh pìosan a thugadh air tìr cheana ann am Bucaidh.

Bheir iad sùil cuideachd air clàran radar, a thuilleadh air a bhith ag èisteachd ri còmhraidhean rèidio bhon àm a thachair an tubaist.

Tha dùil gum mair an rannsachadh treis fhathast.