Dithis gan toirt à Linne Mhoireibh

  • 3 An t-Iuchar 2012
Tornado GR4 Image copyright PA
Image caption Thàinig an dà itealan a-nuas ann an Linne Mhoireibh.

Thug heileacoptair leis an RAF dithis a-mach à Linne Mhoireibh, agus gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Tha iomairt teasairginn a' dol às dèidh mar a thàinig dà itealan Tornado a-nuas sa mhuir.

Thachair an tubaist goirid ro 2:00f.

Tha bàta-teasairginn fhathast a' sireadh dithis eile sa mhuir mu 25 mìle deas air Inbhir Ùige, mu Raon-ola Beatrice.

Thuirt Minisreachd an Dìon (MOD) gur ann à Ionad Feachd an Adhair Inbhir Lòsaidh a bha an dà itealan GR4.

Tha bàtaichean teasairginn Bhùcaidh, Inbhir Ùige gus Inbhir Ghòrdain an sàs san iomairt.

Thuirt an MOD gum facas tè de na h-itealain sa mhuir, agus gun robh iad air a comharrachadh "air chall."

"Tha fios aig an RAF mun tachartas ann an Linne Mhoireibh san robh dà Thornado GR4 às RAF Inbhir Lòsaidh an sàs.

"Thathas a' sgrùdadh an tachartais agus sgaoilear tuilleadh fiosrachaidh nuair a tha e ann," thuirt Fear-labhairt don MOD.

San Fhaoilleach 2011, thug teine san einnsean air Tornado GR4 tighinn a-nuas sa mhuir far chosta iar-thuath na h-Alba.

Bha an t-itealan, a bha cuideachd air a stèidheachadh aig RAF Inbhir Lòsaidh, air turas trèanaidh aig an àm, nuair a dh'èirich trioblaid le einnsean deas a' phlèana.

Chaidh aig a' phìolat agus aig an Fhear-iùil air faighinn às beò, le bhith gan tilgeil fhèin às an itealan, agus fhuair iad cùram ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.