Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Iuchar 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Barclays

Dh'fhàg Bob Diamond a dhreuchd mar àrd-oifigear air Barclays, dìreach seachdain an-dèidh càin de dh'fhaisg air £3m air a' bhanca an-dèidh dha tighinn am follais gun do dh'fheuch luchd-obrach ri riadh air iasad a stèidheachadh aig ìre a fhreagarradh orra fhèin. Rinn luchd-poileataics bho gach taobh toileachadh ris an naidheachd.

Bancaichean

Ach tha am buaireadh poileataiceach mu cho-dhùnadh an riaghaltais rannsachadh pàrlamaid a chumail air gnìomhachas nam bancaichean a' sìor a dhol air adhart. Tha na Làbaraich ag ràdh gun seas iad an aghaidh sin aig a h-uile ìre agus iadsan ag ràdh gur e rannsachadh poblach a dh'fheumas a bhith ann le britheamh air a' cheann. Tha an riaghaltas ag ràdh gum biodh sin ro chosgail agus gun toireadh e ro fhada. Tha am ball Tòraidh, Anndra Tyrie, a bha gu bith os cionn rannnsachadh na pàrlamaid ag ràdh gun tarraing esan a-mach à sin mur a bi taic aige bho gach pàrtaidh.

Siria

Tha a' bhuidheann chòraichean, Human Rights Watch, a' fàgail air an riaghaltas ann an Siria gu bheil ciùrradh a' dol air adhart gu bitheanta le cead na stàite. Tha Human Rights Watch ag ràdh gu bheil fianais aca air sin agus tha iad ag iarraidh peanas air an fheadhainn a tha an-sàs ann.

Geamaichan Olimpiceach

Thuirt sgrùdadh ùr gum faodadh na Geamaichan Olimpiceach ann an Lunnainn na builleanan not a chur ri eaconomaidh na h-Alba. Tha buidheann Banca Lloyds, a tha a' cur taic ris na geamaichan, ag ràdh gum faigh companaidhean Albannach buannachd à pròiseactan togail agus bho bhith a' reic innleachd agus stuth co-cheangailte ris na geamaichan. Agus tha iad ag ràdh gum bi buannachd ann do thurasachd le mòran a' siubhal gu tuath gus an seachain iad Lunnainn aig àm nan geamachan.

Isle of Lewis

Tha Còmhairle nan Eilean Siar a' gearain gu bheil am bàta-aiseig, an Isle of Lewis, na tàmh a-rithist an-diugh le trioblaidean teignigeach. Cha do sheòl i à Steòrnabhagh aig 0730, cha robh seòladh ann à Ulapul aig 1025 agus cha bhi an còrr sheòlaidhean air an t-seirbheis an-diugh. Thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail na Comhairle, Iain MacAoidh, nach eil sin math gu leòr agus gu bheil iad ag iarraidh fhreagairtean bho Chaledonain Mac a' Bhriuthainn. Tha Cal Mac air seòlaidhean a bharrachd a chur air dòigh ge-tà air an t-slighe eadar Uige agus an Tairbeart. Bidh seòladh a' falbh às an Tairbeart aig 20:00 a-nochd agus a' falbh às Uige aig 22:00 a-nochd.

Loidhne-rèile

Thuirt Network Rail gum bi pàirt de loidhne-rèile thaobh siar na Gàidhealtachd dùinte dhan ath-sheachdain gus an tèid trèana-bathair a chaidh far na rèile an t-seachdain seo chaidh a thogail. Thuirt Network Rail gu bheil an làrach faisg air an Tulaich cho iomallach 's gu bheil e a' fàgail chùisean fìor dhoirbh dhaibh. Tha busaichean a' ruith an-drasta eadar an Gearasdan agus a' Chrìon Làraich.