Rèile gu bhith dùinte son ùine

  • 2 An t-Iuchar 2012
Làrach na tubaist
Image caption Thachair an tubaist faisg air Stèisean an Tulaich.

Thuirt Network Rail nach fosgail loidhne rèile taobh siar na Gàidhealtachd dhan ath-sheachdain.

Tha obair a' leantainn son sprùilleach a thoirt far na loidhne as-dèidh tubaist faisg air Stèisean an Tulaich Diciadaoin.

Cha deach duine a ghoirteachadh san tubaist.

Thuirt Network Rail gu bheil an làrach faisg air an Tulaich cho iomallach 's gu bheil e a' fàgail chùisean dhaibh.

Bidh busaichean a' ruith eadar A' Chrìon Làraich agus an Gearasdan fhads a tha an obair a' dol air adhart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile