Piseach air eaconamaidh Ghallaibh

  • 28 An t-Ogmhìos 2012
Dounreay. Pic: DSRL Image copyright Other
Image caption Dùinidh an t-ionad an ceann 11 bhliadhna.

Chan eil eaconamaidh Ghallaibh a' crochadh air Ionad Dhùnrath, cho mòr 's a bha i bho chionn sia bliadhna.

Tha sin a rèir aithisg ùir a chaidh iarraidh le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus a' bhuidheann Leasachadh Làraich Dhùnrath Eta.

A rèir an rannsachaidh, tha cosnaidhean a tha an urra ris an ionad san sgìre air tuiteam bho 15% gu 10%, san t-sia bliadhna mu dheireadh.

Thàinig àrdachadh cuideachd air gnìomhachasan ùra san sgìre.

Dùinidh an t-ionad an ceann 11 bhliadhna.