Shnàimh sgioba an Cuan Sgìth

  • 27 An t-Ogmhìos 2012
Image copyright Big minch swim
Image caption Fear de sgioba Big Minch Swim.

Snàimh buidheann an Cuan Sgìth eadar Ulapul agus Steòrnabhagh gus airgead a thogail dhan RNLI.

Thòisich iad aig 12:00 Diluain agus ràinig iad tìr ann an Leòdhas aig 22:00 Dimàirt.

Bha muc-mhara, leumadair, pèileagan agus ròin rin taobh aig diofar amannan.

Bha ochdnar ann an sgioba Big Minch Swim agus bha iad a' snàmh - duine mu seach - airson 45 mionaid an duine.

Thog iad mòran mhìltean notaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile