Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iasad an Riaghaltais

Fhuair planaichean Riaghaltas na Co-bhanntachd buille leis an naidheachd gu bheil an t-suim-airgid a ghabh iad air iasad nas motha na bha dùil le buaidh a' chrìonaidh. Tha Oifis na Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun do dh'èirich na ghabh an roinn phoblach air iasad gu faisg air £18bn sa Chèitean. Agus mu choinneimh sin chaidh còrr is 7% nas lugha a thogail ann an cìsean agus chaidh còrr is 12% a bharrachd a phàigheadh a-mach ann an sochairean sòisealta.

Siria

Tha NATO a' cumail coinneimh shònraichte sa Bhruiseal far a bheil iad a' bruidhinn air mar a leig Siria itealan-cogaidh às an Tuirc an t-seachdain seo chaidh. Tha e coltach nach tèid iad dad nas fhaide na càineadh a dhèanamh air Siria leis nach eil an Tuirc ag iarraidh armachd a chur an sàs.

Èirinn a Tuath

Tha a' Bhàn-righ ann an Èirinn a Tuath aig toiseach turais dà là. Thèid i gu seirbheis an-diugh ann an Inis Ceithleann, far an deach 12 duine a mharbhadh le boma IRA ann an 1987. A-màireach tha dùil aice coinneachadh ri Màrtainn Mac Aonghais aig Sinn Féin, a bha na cheannard anns an IRA.

An A9

Thèid tòiseachadh dà bhliadhna nas tràithe na bha dùil air luach £3bn de leasachadh airson an A9 a thoirt gu ìre dà-fhillte fad na slighe eadar Inbhir Nis agus Peairt. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tòisich an obair ann an 2015, seach 2017, ach nach bi crìoch air gu 2025, an ceann-ùine a bh' ann co-dhiù. Tha 80 mìle de rathad dùbailte aon-fhillte eadar an dà bhaile an-dràsta. Tha na h-àireamhan as ùire aig an Riaghaltas ag ràdh gu bheil àireamh nas àirde de thubaistean mairbhteach air an A9 na th' air rathad sam bith eile ann an Alba.

Rathad an t-Sròim

Tha dragh air muinntir Loch Carrann gum faodadh e a bhith cho fada ri còig bliadhna mus tòisich obair a bheir fuasgladh dhaibh air na trioblaidean a tha a' dùnadh seach-rathaid an t-Sròim iomadh turas. Chuala coinneamh phoblach ann an Loch Carrann an-raoir gun cuireadh rannsachadh poblach agus ceannach fearainn maill air molaidhean Chomhairle na Gàidhealtachd airson na slighe. Tha cosgais nan diofar roghainnean a' dol bho £23 airson rathaid ùir tro Ghleann Udalain, gu còrr is £100m airson pàirt de Loch Carrann a lìonadh le creig.

Druim Bà

Tha rannsachadh poblach a' fosgladh an-diugh m phlanaichean connspaideach airson tuath-gaoithe Druim Bà os cionn Loch Nis. Chuir comhairlichean Gàidhealach an aghaidh na sgeama airson 23 chrann a thogail eadar Cill Taraghlain agus Obar Itheachain. Tha feadhainn a tha an aghaidh na sgeama ag ràdh gun dèanadh an tuath-gaoithe sgrios air coltas an àite.