Cùis mhuirt an Inbhir Nis

  • 26 An t-Ogmhìos 2012
Mark Mac an t-Sealgair
Image caption Chaidh Marc Mac an t-Sealgair fhaighinn marbh Dihaoine a chaidh.

Nochd fireannach, 49 bliadhna de dh'aois, anns a' chùirt fo chasaid gun do mhuirt e duine ann an Inbhir Nis.

Chaidh Marc Mac an t-Sealgair, 37, a lorg marbh ann an Àite Ghlinn Seile mu 10.00m Dihaoine.

Nochd Raibeart MacIlleBhrath ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis fo chasaid gun tug e ionnsaigh air Mgr Mac an t-Sealgair le sgithinn, no rudeigin coltach ri sgithinn.

Cha do rinn e tagradh.

Chaidh Mgr MacIlleBhrath a chumail an grèim.

Chaidh a chur as leth Mhgr MhicIlleBhrath gun do mhuirt e Mgr Mac an t-Sealgair Diardaoin no Dihaoine a chaidh.

Tha a' chùis a' leantainn.