Treis mus leasaichear Rathad an t-Sròim

  • 26 An t-Ogmhìos 2012
An loidhne-rèile ga ullachadh gus càraichean a ghiùlain Image copyright Other
Image caption Bha an rathad dùinte fad ceithir mìosan ri linn na maoime-slèibhe goirid ron Nollaig.

Cha tig fuasgladh dhan trioblaid aig seach-rathad an t-Sròim, faisg air Loch Carrann, airson co-dhiù còig bliadhna eile.

Chaidh sin innse do choinneimh phoblaich ann an Loch Carrann oidhche Luain, agus iomagain air muinntir na sgìre mun bhacadh a tha a' dol orra nuair a bhios maoim-slèibhe a' dùnadh an rathaid.

Fhuair iad mìneachadh air na diofar sgeamaichean a tha Comhairle na Gàidhealtachd air ullachadh.

Tha ochd roghainnean air an cur air adhart, agus bha cothrom aig an t-sluagh sùil a thoirt orra ron choinneimh.

Chosgadh e còrr's £60m a' chreag os cionn an rathaid a dhèanamh agus a chumail sàbhailte, no beagan is £90m airson tunail a thogail.

Bhiodh cosgais de chòrr 's £100m an cois trì roghainnean eile - sin leudachadh a dhèanamh air an tunail airson maoimtean-slèibhe, an rathad a th' ann an-dràsta a leudachadh agus an rathad agus loidhne-iarainn a chur air an loch.

Cosgaidh na pròiseactan gu tur ùr - leithid an rathad a chur taobh Ghlinn Udalain £23m agus £60m drochaid a chur eadar Port an t-Sròim agus An Sròm Carrannach.

Cha bhiodh ach cosgais de £10m thairis air 20 bliadhna an suidheachadh fhàgail mar a tha e is obair a dhèanamh nuair a thig maom-slèibhe ge-tà.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile