Leasachadh dhan Ghearasdan

  • 25 An t-Ogmhìos 2012
Prìomh Shràid a' Ghearasdian Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chan eil fhios aig an ìre seo cò às an tig an t-airgead airson an leasachaidh.

Gheibh muinntir a' Ghearasdain cothrom aig coinneamh an t-seachdain seo bruidhinn air planaichean airson ath-nuadhachadh a thoirt air Ceàrnag a Chamshronaich ann am meadhan a' bhaile.

Thathas an dòchas a chleachdadh airson tachartasan sònraichte, ged nach eil fios aig Comhairle na Gàidhealtachd fhathast cò às a thig an t-airgead.

Tha a' Chomhairle a' faighinn grant an-dràsta bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) airson 50% de na cosgaisean a tha an luib a bhith a' rannsachadh na cùise agus a' faighinn molaidhean air a son.

Airson ùine tha e air a bhith a' cur dragh air cuid san sgìre gu bheil meadhan a' bhaile a' fulang is mòran bhùithdean a' dùnadh.

Tha Calum Mac a' Ghobhainn a' fuireach sa Ghearasdan ga fhaicinn mar cheum riatanach.

Ach aig a' cheart àm tha e a' moladh gum bithear faicealach.

''Rud sam bith a thèid a dhèanamh gus meadhan a' bhaile a dhèanamh nas fheàrr feumaidh sin fàilte a chur air,'' thuirt e.

''Chan eil math sam bith suidheachain a chur ann am meadhan a' bhaile.''

''Ma tha iad gu bhith gan cleachdadh tron Gheamhradh feumaidh fasgadh a bhith ann bhon aimsir.''

'' Agus tha sin gu math cudromach sa bhaile seo co-dhiù.

"Tha tòrr ga dhèanamh an-dràsta ann am meadhan a' bhaile, air a' Phrìomh Shràid.

"Tha iad a' togail taigh-òsta ùir aig ceann an iar a' bhaile. Tha iad air deireadh Slighe Taobh Siar na Gàidhealtachd a ghluasad gu ceann an iar a' bhaile, agus tha iad a' feuchainn na 's urrainn dhaibh a dhèanamh airson rud air choireigin a dhèanamh ris.

"Tha e fìor gu deimhinnte, gu bheil bùithdean a' dùnadh 's nach eil daoine a' tighinn a-stach nan àite.

"Tha daoine a' gearain gur ann airson an luchd-turais a tha na bùithdean, 's nach eil bùithdean ann air a bheil muinntir a' Ghearasdain feumach," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile