Duaisean Urras Iain Muir

  • 22 An t-Ogmhìos 2012
LochAbar
Image caption Leudachadh air Duaisean Urras Iain Muir

Thàinig leudachadh air Duaisean Urras Iain Muir agus cùrsa ga chumail tro mheadhan na Gàidhlig son a' chiad uair.

Tha Duaisean Urras Iain Muir air a bhith a' ruith fad còig bliadhna deug, a' toirt cothrom do dhaoine òga barrachd eòlais a chur air monaidhean is coilltean mun cuairt orra.

'S e clach-mhìle a bha sa chiad chùrsa Ghàidhlig.

Chruinnich deugairean à grunn àrd-sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd aig campa ann an Loch Abar agus chuir iad ceithir là seachad air a' bhlàr a-muigh.

Còmhla riutha bha riochdaire bho Chommun na Gàidhlig, Dòmhnall Morris.

''Tha iad a' dèanamh tòrr an-drasta a thaobh a bhith a' coimhead air craobhan, na diofar seòrsaichean a th'ann".

"Tha sin mar phàirt dhen dealbh mhòr a th'againn airson nan sgirean dùthchail", thuirt e.

Nàdar

Thathas ag amas air a' Ghàidhlig a bhrosnachadh, a bharrachd air eòlas air nàdar a thoirt seachad.

'S e rud cudromach a tha sin, a rèir Dhòmhnaill Morris.

''Tha diofar ìrean do Ghàidhlig againn an seo agus 's e slighe fhada a th'ann".

"Tha sinn ag amas gum bi na daoine seo a' bruidhinn agus bàidheil dhan Ghàidhlig san àm ri teachd", thuirt e.

Chord an cùrsa glan ri na daoine òga a bha an-sàs ann, a dh'aindeoin droch shìde agus a' mheanbh-chuileag

Agus chan ann mu dhèidhinn coiseachd chruaidh ann an droch aimisir a-mhàin a bha an gnothach - le spòrs, ceòl agus fealla-dha gu leòr ann cuideachd.