Aon sgoil den cheithir ga cumail fosgailte

  • 22 An t-Ogmhìos 2012
Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha an gnothach fhathast an urra ri Cùirt an t-Seisein.

Cho-dhùin Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad a-niste airson trì, seach ceithir sgoiltean a dhùnadh.

Aig coinneimh den làn-Chomhairle Diardaoin, cho-dhùin iad gun tèid Àrd-sgoil dà bhliadhna Lionail ann an Nis a chumail fosgailte.

Thèid ge-tà, Àrd-sgoil dà bhliadhna Shiaboist, agus bun-sgoiltean Chàrlabhaigh is Sheileaboist a dhùnadh.

Chan eil co-dhùnadh deireannach ann fhathast ge-tà, agus an gnothach air fad an urra ri mar a thèid le tagradh an Riaghaltais Albannaich an aghaidh breithneachadh Cùirt an t-Seisein.

Thuirt a' Chùirt na bu tràithe den mhìos gun robh an Riaghaltas air a bhith ceàrr casg a chur air a' Chomhairle o bhith a' dùnadh nan sgoiltean.

Tha fear de Chomhairlichean an Taobh Siar agus Nis, Iain Moireasdan, ag ràdh gur e co-dhùnadh neònach a bh' ann aon de na h-àrd-sgoiltean dà bhliadhna a chumail fosgailte, agus an tè eile a dhùnadh.

"Saoilidh mi gun robh e air a bhith na b'fheàrr nam biodh na dhà dhiubh gan cumail fosgailte," thuirt e.

"Tha e a' dèanamh na h-argamaid agad nas làidire, agus cuideachd nam biodh na dhà fosgailte dh'fhaodadh tidsearan a bhith a' tighinn o Sgoil MhicNeacail a-mach dhan dà sgoil, agus anns an dòigh sin chumadh tu daoine ann an obair," thuirt e.

Feumaidh a-niste a' Chomhairle airgead a bharrachd a lorg airson Àrd-sgoil Lionail a chumail làn-ùine, rud a chuireas cuideam air ionmhas an ùghdarrais.

"Tha e ao-comasach an aon airgead a chosg air dà chuspair," thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Agus chan eil teagamh ann a-nis, ma tha Sgoil Lionail a' dol a dh'fhuireach fosgailte seachad air a' Ghiblean seo tighinn - agus 's e sin an co-dhùnadh dhan tàinigeas - feumar airgead a lorg airson sin a dhèanamh.

"Agus tha e gun chiall nach urrainn dhuinn an t-airgead sin a chosg air rud sam bith eile.

"Ach 's e foghlam na cloinne a bha a' faighinn prìomhachais anns na h-argamaidean airson a bhith a' cur às dha foghlam aig ìre 1 agus 2 anns an àrd-sgoil, agus cuideachd na bun-sgoiltean a dh'aontaich sinn a dhùnadh," thuirt e.