Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stailc nan Dotairean

Tha dotairean air feadh Bhreatainn air stailc an-diugh agus iad a' gearain mu phlanaichean a bheireadh atharrachadh air a' pheinsean aca. Seo a' chiad stailc aca ann an cha-mhòr 40 bliadhna. Tha buaidh air cuid de choinneamhan le dotairean air feadh na dùthcha. Tha an t-aonadh aca, Comann Meidigeach Bhreatainn, ag ràdh gun tèid dèiligeadh ris a h-uile cùis èiginn.

Teintean sa Ghearraidh Chruaidh

Tha amharas ann gun deach teintean a th' air a bhith a' sgapadh anns a' Ghearraidh Chruaidh ann an Steòrnabhagh a thòiseachadh a dh'aona-gnothaich. Bha Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, ag ràdh gu bheil e annasach gun do thòisich ceithir teintean ann an àiteachan gu tur eadar-dhealaichte. Tha naoi teintean air a bhith anns an sgìre bhon 8mh là den Ògmhios. Tha luchd-smàlaidh fhathast a' feuchainn ris an teine mu dheireadh a sgap a chur às. Chaidh carbad-smàlaidh à Steòrnabhagh a-mach anns a' mhadainn an-diugh agus teine fhathast ann an corra àite. Thuirt Bòrd-Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gun dèan iad rannsachadh leis na Poilis agus an t-uachdaran cho luath 's a ghabhas, gus dearbhadh ciamar a thòisich na teintean.

Jimmy Carr

Tha an comedian Jimmy Carr air sguir de chleachdadh sgeama airson nas lugha chìsean a phàigheadh. Tha e air càineadh fhaighinn bhon Phrìomhaire Dàibhidh Camshron. Dh'iarr e maitheanas bho dhaoine, ag ràdh gur e mearachd uabhasach a rinn e. Tha Roinn an Ionmhais air fàilte a chur air a' cho-dhùnadh a ghabh e.

Corp

Tha fireannach an grèim leis na Poilis ann an Lodainn an Iar, an dèidh bàs fir madainn an-diugh. Chaidh corp an duine a lorg ann an Rathad Pyothall, ann an sgìre Broxburn mu 04:45m.

Scotstoun

Ann an Glaschu tha fear an grèim co-cheangailte ri bàs fireannaich ann an sgìre Scotstoun air a' mhìos a chaidh. Chaidh corp Sheumais Ghrannd, 59, a lorg anns a' flat aige. Tha dùil ri fireannach, 46, anns a' chùirt a-màireach.

Siria

Tha urchairean gan losgadh air baile Homs ann an Siria a' cur bacadh air a' Chrois Dheirg cobhair a thoirt do na ceudan shìobhaltach a th' ann an èiginn. An-dè chaidh fois-fòirneirt dà uair de thìde aontachadh eadar an Riaghaltas agus luchd-sabaid air an taobh eile airson sgiobaidhean a leigeil a-staigh. Ach thathas den bheachd gum bi e uairean de thìde no fiù 's làithean fhathast mus fhaigh iad a-staigh dhan sgìre.