Là mòr an Strath Chura

  • 20 An t-Ogmhìos 2012
Inbhir Aora Image copyright SNS
Image caption Tha Garry is Graeme Mac a' Phearsain ag amas air Cupa Comunn Ceilteach Ghlaschu a bhuannachadh son an 13mh turais.

Thèid an dàrna cuairt dheireannach mhòr ann an seusan na h-iomain air adhairt Disathairne le Inbhir Aora a' dol an aghaidh Thaigh an Uillt airson Cupa Comunn Ceilteach Ghlaschu.

Mar a bha sa cheann a tuath an t-seachdain seo chaidh tha geama mòr a' chinn a deas a' cur sgioba bhon Phrìomh Lìog an aghaidh sgioba à lìog nas ìsle.

Bha mòran dùil gur e Baile Ùr an t-Slèibh a ghlèidheadh Cupa MhicThàbhais an aghaidh Loch Abair, is 's e sin a thachair le balaich Bhàideanaich a' buannachadh 5-1.

'S e cnag na cùise gu bheil cùisean gu bhith fiù 's nas duilghe do Thaigh an Uillt na bha son Loch Abair.

Chan eil ach ceithir bliadhnaichean bho chaidh cluba Thaigh an Uillt a stèidheachadh as ùr.

Cha do chluich iad a-riamh sa Phrìomh Lìog agus cha d'ràinig iad a' chuairt dheireannach seo ron a seo nas motha.

Bonn

'S ann a tha an sgioba an-dràsta san dàrna àite bhon bhonn ann an Lìog Deas 1 agus chaill iad 6-1 san lìog an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal an t-seachdain seo chaidh.

Ràinig Taigh an Uillt a' chuairt dheireannach cuideachd gun gheama a chluich an aghaidh gin de phrìomh sgiobaidhean a chinn a deas, le Inbhir Aora, Caol Bhòid, Eilean Bhòid, Camanachd an Òbain is Gleann Urchaidh uile san taobh eile den taghadh.

Chan eil cus eòlais aig Taigh an Uillt air geamaichean mòra mar seo ma-tha - ach gu dearbh chan eil sin fìor a thaobh Inbhir Aora.

Ghlèidh an sgioba bho bhruaichean Loch Fìne an cupa seo 9 tursan san 11 bliadhnaichean mu dheireadh.

Tha barrachd bhonn bhon fharpais seo (12) aig na bràithrean Graeme is Garry Mac a' Phearsain na th' aig cluicheadar sam bith eile ann an iomain a-riamh.

Chuir Inbhir Aora rompa aig toiseach an t-seusain seo an cupa fhaighinn air ais bho Chaol Bhòid.

Droineadh

Chuir iad sgioba Thaigh na Bruaich a-mach 1-0 aig an taigh is thug iad droineadh an uair sin 6-3 air Eilean Bhòid.

Chanadh mòran gu bheil Inbhir Aora mar sin air an obair chruaidh a dhèanamh mar thà.

Tòisichidh an geama aig 4:05f aig a' phàirc choimhearsnachd ùir ann an Strath Chura - là mòr dhan sgìre sin cuideachd is seo an geama as motha a bh' aca bho chaidh crìoch a chur air a' phàirc ùir.

Cluinnear barrachd mun chuairt dheireannaich air Spòrs na Seachdain air BBC Radio nan Gàidheal madainn Disathairne eadar 09:00m is 10:00m, agus thèid an geama a chraoladh beò air BBC Alba feasgar.

Tha dùil gun dèan mòran às Taigh an Uillt an t-slighe sìos gu Strath Chura son geama cho eachraidheil sa bh' aig a' chluba.

Tha e air leth doirbh fhaicinn ge-tà, ciamar as urrainn dhaibh tilleadh air ais suas an rathad leis a' chupa.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile