Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ìre na h-Atmhorachd

Thuit an Atmhorachd dhan ìre as ìsle ann an dà bhliadhna gu leth. Bha an rèat a rèir a' Chlàr Cheannaich (CPI) sìos gu 2.8% sa Chèitean bho 3% anns a' Ghiblean. Bha an Clàr Rèic (RPI) sìos bho 3.5% gu 3.1%.

G20

Gheall Braisil, Sìona na h-Ìnnseachan agus an Ruis na mòran billeanan not do stòras nàiseanta an IMF airson cuideachadh a thoirt do dh'eaconamaidh na h-Èorpa. Thog ceannardan dùthchannan an G20 dragh mu fhiachan Sòn an Euro air a' chiad là den choinneimh ann am Meagsago. Ach thuirt Ceann-suidhe Choimisein na h-Eòrpa, Jose Manuel Barroso, nach e trioblaid Eòrpach a tha seo ach rud a bheir buaidh air an t-saoghal gu lèir.

RBS

Tha dùil gum faodadh 150 cosnadh falbh às Alba aig Banca Rìoghail na h-Alba, a bhuinneas a' mhòr-chuid dhan Stàit. Dh'fhoillsich RBS atharrachadh air an dòigh sam bi iad a' cumail fiosrachaidh ri luchd-cleachdaidh. Thuirt RBS gum bi iad cuideachd a' cruthachadh 350 cosnadh, ach tha an t-aonadh Unite ag ràdh gur e gearraidhean brùideil a tha seo.

Siùrsachd

Tha Comataidh a' Cheartais aig Pàrlamaid na h-Alba a' deasbad mholaidhean an-diugh fo am biodh e mì-laghail feis a cheannach bho shiùrsaich. Dh'fhailich bile den aon sheòrsa bho chionn dà bhliadhna agus dragh air a' Phàrlamaid gun cuireadh e an trioblaid am falach air na h-ùghdarrasan. Tha am ball Làbarach, Rhoda Ghrannd, ag ràdh nam biodh ceannach feise mì-laghail gun cuireadh e bacadh air feadhainn a tha ris, agus eucoir eile a tha co-cheangailt ri siùrsachd.

Còir Bàsachadh

Tha an Àrd-Chùirt ann an Lunnainn ag èisteachd an-diugh ri cùis Tony Nicklinson, a tha ag iarraidh cead a thoirt don dotair aige a bheatha a thoirt gu ceann. Tha Mgr Nicklinson a tha 58 agus a bhuinneas do Wiltshire gun chomas labhairt no gluasad an dèidh stròc a ghabhail bho chionn seachd bliadhna.

Geòidh Uibhist

Dh'fhaodadh sgeama spadaidh a stèidheachadh ann an Uibhist a dh'aithghearr airson smachd a chur air na geòidh. Chuala coinneamh phoblach ann an Uibhist a Deas an-raoir gum faodadh gu bheil 8,000 gèadh glas anns an sgìre. Tha dùil a-nise gun tèid cead iarraidh airson àireamh nan gèadh a ghearradh gu 1,000 eun ann an Uibhist a Deas, 1,000 an Uibhist a Tuath, agus 500 ann am Beinn nam Fadhla - àireamhan a chaidh aontachadh le Dualchas Nàdarra na h-Alba agus an RSPB.