Bun-sgoil ùr do dh'Uibhist a Tuath?

  • 19 An t-Ogmhìos 2012
Uibhist a Tuath Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha taic-airgid a dhìth airson sgoil ùr a thogail.

Tha Comhairle nan Eilean Siar deiseil son a dhol gu Riaghaltas na h-Alba a dh'iarraidh taic-airgid son bun-sgoil ùir do dh'Uibhist a Tuath a bhiodh an àite nan trì bun-sgoiltean a th' ann an-dràsta.

Chan eil cinnt aig an ìre seo dè chosgadh an sgoil ùr ach tha pròiseact den aon sheòrsa ann an Uibhist a Deas an-dràsta a' cosg £10m.

Tha dòchas ann gun tèid cùmhnant nas fàbharaiche na sin fhaighinn agus companaidhean togail a' strì son obair le buaidh a' chrìonaidh eaconamaich.

Thèid plana son sgoil ùr a thogail ann an Uibhist a Tuath a dheasbad le làn-Chomhairle nan Eilean Siar Diardaoin.

Tha an t-ùghdaras ionadail an dùil tagradh a chur gu Riaghaltas na h-Alba 's iad a' sireadh taic-airgid bho stòras an Scottish Futures Trust.

Thuirt fear de chomhairlichean an àite, Uisdean Robasdan, gum bi aon bhun-sgoil ùr nas fhreagarraiche na na trì a tha san sgìre an-dràsta.