Oilthigh Dhùn Èideann
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Plana Gàidhlig Oilthigh Dhùn Èideann

18 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dùil gun tèid iomhaigh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an Oilthigh Dhùn Èideann, le co-chomhairleachadh ga chumail air plana Gàidhlig an oilthigh.

Am measg nam molaidhean a thèid a dheasbad tha planaichean airson dreuchd Oifigear Gàidhlig a stèidheachadh agus tidsearan a thrèanadh son a bhith a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Ach ged a choimheadas an oilthigh air an gabh dreuchd Cathair a' Cheiltis lìonadh às dèidh dha a bhith bàn cha-mhòr deich bliadhna, chan eil dearbhadh ann cuin a thacharas sin.