100 bliadhna bàn

  • 18 An t-Ogmhìos 2012
Miughlaigh Image copyright NTS
Image caption Bha sluagh san eilean fad nam mìltean bhliadhnaichean.

'S ann am Bhatarsaigh a tha cuid mhath de shliochd mhuinntir Mhiughlaigh a' fuireach an-diugh.

Chìthear an t-eilean a dh'fhàg an sinnsirean - am fear as motha de dh'Eileanan an Easbaig, deas air Barraigh - às an eilean thorrach, ghormail a thaghadh iad mar dhachaigh bho chionn ceud bliadhna.

Chan eil ann am Miughlaigh a-nis ach caoraich, eòin, agus eachdraidh ga cnuasachadh le taibhsean nan ginealaichean dhan robh an t-eilean mar dhachaigh fad nam mìltean bhliadhnaichean.

Chan eil buileach fada bho dh'fhàgadh an t-eilean bàn, ged a shaoilte gur e saoghal eile a bh' ann aig an àm sin.

An Leadaidh Ghòrdain Cathcart

Bho chionn ceud bliadhna, bha an sluagh air crìonadh cho mòr 's nach b'urrainn don fheadhainn a bh' air fhàgail cumail a' dol. Dh'fhalbh iad a Bhatarsaigh agus a Bharraigh, còmhla ris a' chòrr de shluagh nan eileanan beaga timcheall orra.

Cha b'e riamh àite furasta a bh' ann am Miughlaigh a bhith a' tighinn beò. Chan eil ann ach an aon tràigh, agus cha robh riamh laimrig dhòigheil aig na h-Eileanaich.

'S ann bho chuid de na creagan mara as àirde ann am Breatainn a thug iad cuid mhath den bhiadh aca - eòin agus an cuid uighean. B'fheudar dhaibh an còrr a thoirt às a' chuan charrach, agus bhon talamh, a bha math, ach gann. Thàinig iad beò ge-tà.

Thàinig an deireadh orra gu slaodach, a' tòiseachdainn le fuadaichean Bharraigh, nuair a theann teaghlaichean às an eilean sin a bh' air an dachaighean a chall air Eileanan an Easbaig, seach a bhith ag eilthireachd.

An-diugh, tha sinn dualtach smaoineachadh gu bheil barrachd dhaoine a bhith a' tighinn a dh'fhuireach ann an eilean an-còmhnaidh na rud math. Tha e na chuideachadh don eaconamaidh, agus a' dèanamh beatha a h-uile duine a th' ann nas seasmhaiche.

Aithris rèidio de na tachartasan a chomharraich 100 bliadhna bho dh'fhàg an sluagh Miughlaigh.

Bha sin fìor gu ìre le Miughlaigh mun àm sin, ach bha droch bhuaidh aige cuideachd. Dh'fhàs an sluagh cho mòr mu dheireadh - mu 150 duine - agus gun robh daoine feumach air barrachd fearainn. Ach bha trioblaid aca.

Cha robh sluagh ann am Bhatarsaigh aig an àm, agus an t-eilean ga ruith mar aon tac fon uachdaran, an Leadaidh Ghòrdain Cathcart.

Dhiùlt ise iarrtas gun deadh croitean a chruthachadh san eilean airson daoine aig nach robh fearann ann an Eileanan an Easbaig, agus am Barraigh.

Bha muinntir nan eileanan beaga air an leòr fhaighinn ge-tà - ann an 1897 chaidh a h-uile fireannach ann an Eilean Phabaigh, ri taobh Miughlaigh, a bhàthadh nuair a chuir am bàta san robh iad car dhith. Bha a' bheatha a' fàs ro dhoirbh, agus dh'iarr iad a bhith nas fhaisge air Barraigh.

Ann an 1906, rinn feadhainn à Barraigh creach air an tac ann am Bhatarsaigh, a' tarraing air seann lagh - a tha a' nochdadh ann an tràchdasan lagha tràth na h-Èireann - fo am faigheadh duine sealbh air fearann nan togadh e bothan air 's teine a chur sa chagailt ann taobh a-staigh aon là. Chaidh cuid à Miughlaigh agus na h-eileanan eile còmhla riutha.

Ged a bha co-fhaireachdainn mhòr aig a' mhòr-shluagh do na Creachadairean seo, fhuair iad mìos sa phrìosan. Chaidh ge-tà, an t-eilean a cheannach leis a' Chongested Districts Board, agus a roinn na 58 croitean.

Mu dheireadh, bha na h-uidhir den t-sluagh air falbh a dh'fhuireach am Bhatarsaigh, 's nach gabhadh bàta a thoirt gu muir no air ais air tìr ann am Miughlaigh, agus san Ògmhios ann an 1912, dh'fhàg na daoine mu dheireadh.

Tha an t-eilean aca a-nis le Urras Nàiseanta na h-Alba, agus air fhàgail na àite air am bi corra cìobair agus neach-turais a' tadhail, agus daoine a' dol ann airson coimhead ris na h-eòin, agus a bhith treis air eilean cho brèagha 's a th' anns na h-Eileanan Siar.

Chaidh an ceann-bliadhna a chomharrachadh le sreath thachartasan thar an deireadh-sheachdain air an cur air dòigh le Urras Leabhraichean nan Eilean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile