700 mìle air druim-uisge na h-Alba
Tha Cailean Meek, à Achadh Dà Dhòmhnaill, an-dràsta a' feuchainn ri ruith bho Crìochan na h-Alba gu costa Tuath Ghallaibh.
Dubhlan mòr aig am 'sam bith, ach nas duiliche buileach seach gu bheil Cailein a' leantainn slighe a tha a' gabhail glè bheag de ghnothaich ri rathaidean na dùthcha.
Bidh e a' gabhail air na monaidhean air 'druim-uisge na h-Alba'.
Air aon taobh den loidhne bidh an t-uisge a' sruthadh dhan taobh siar, agus a' sruthadh dhan costa an ear air an taobh eile.
~RS~q~RS~~RS~z~RS~12~RS~)
