Faire ga chumail fhathast air teine sa Ghearraidh Chruaidh

  • 15 An t-Ogmhìos 2012
An teine 's luchd-smàlaidh
Thòisich an teine Dihaoine seo chaidh.

Tha luchd-smàlaidh fhathast a' cumail faire air teine sa Ghearraidh Chruaidh air iomall Steòrnabhaigh, ged a tha iad den bheachd gu bheil iad air smachd fhaighinn air.

B'fheudar an rathad eadar Steòrnabhagh agus na Lochan a dhùnadh feasgar aig ceann-rathaid Àranais leis cho dona 's a bha an ceò agus an cunnart a bh' ann bhon teine fhèin.

Tha na rathaidean a-nis fosgailte.

Tha an teine air greimeachadh iomadh turas bho thòisich e oidhche Haoine seo chaidh.

"Bha iad air sùil gu math geur a chumail, 's bha daoine a' dèanamh cinnteach nach robh càil air fhàgail anns na làithean mu dheireadh, agus cha robh sinn a' faicinn gun robh càil ann," thuirt Siamarlann Urras Steòrnabhaigh, leis a bheil am fearann, Iain MacÌomhair.

"Ach leis a' ghaoth a bhith cho làidir agus mar a bha an rud shìos fon talamh, gu h-àraid le tuill rabaidean, dh'fhaodadh e a bhith air èirigh an-àirde an sin.

"Tha an riasg cho tioram 's tha na craobhan fhèin tioram. Fiù 's na craobhan a tha gorm san duilleig, nuair a chì thu an teine a' bualadh annta tha iad sin a' dol an-àirde cuideachd, rud a tha neo-àbhaisteach," thuirt e.