Teine eile sa Ghearradh Chruaidh ann an Steòrnabhagh

  • 14 An t-Ogmhìos 2012
Ceò an teine
Image caption Tha ceithir teintean air a bhith sa Ghearradh Chruaidh taobh a-staigh seachdain.

Tha teine mòr eile anns a' Ghearradh Chruaidh ann an Steòrnabhagh.

Tha luchd-smàlaidh air a bhith a' strì ris an teine bho 2f Diardaoin.

'S ann faisg air rathad Àranais a thòisich an teine.

Aig an àm, thàinig e glè fhaisg air stèisean-dealain.

Seo an ceathramh teine a chaidh thuige anns a' Ghearradh Chruaidh bho Dhihaoine-sa chaidh.

Tha rathad nan Lochan - am prìomh rathad eadar Steòrnabhagh agus na Hearadh - dùinte aig ceann-rathaid Àranais agus tha na polais ag iarraidh air daoine Rathad Bharbhais a chleachdadh.

Dh'iarradh iad air daoine Rathad a' Phentland a sheachnadh 's e mar-thà air a thachdach le càraichean.