Naidheachdan 11:00m

Cuideachadh
Sgoiltean Eileanach

Tha Radio nan Gàidheal a' tuigsinn nach bi na ceithir sgoiltean a tha Comhairle nan Eilean Siar airson dùnadh a' dùnadh aig deireadh na mìos. Tha dùil gun innis Riaghaltas na h-Alba an-diugh gun dèan iad tagradh an aghaidh na breith laghail a nochd an t-seachdain seo chaidh. Chaidh a' bhreith leis an Ùghdarras, a tha ag iarraidh bun-sgoiltean Chàrlabhaigh agus Sheileaboist, agus àrd-sgoiltean dà-bhliadhna Lionail is Shiaboist a dhùnadh. Ach ma bhios tagradh ann cha ghabh an dùnadh aig deireadh na mìos ge b'e dè thachras aig coinneimh na làn-Chomhairle an t-seachdain seo tighinn.

Leveson

Tha am Prìomhaire Dàibhidh Camshron an-dràsta a' toirt fianais seachad mu choinneimh Rannsachadh a' Mhorair Leveson. Tha dùil gun innis e mu dheidhinn mar a dh'iarradh e an Riaghaltas atharrachadh a thoirt air mar a bhios iad a' dèiligeadh ri cùisean connspaideach mar oidhirp News Corporation airson BSkyB a ghabhail thairis uile gu lèir.

Rangers

Tha Ally McCoist air a bhith aig Ibrox an-diugh agus aithrisean ann am pàipearan-naidheachd madainn an-diugh gum fàg e an obair mar mhanaidsear Rangers thairis air an dà là a tha romhainn. Chaidh aithris gun do bhruidhinn McCoist ri Teàrlach Green a th' airson Rangers a ghabhail thairis, mu phlanaichean airson a chur às a dhreuchd. Chan eil Rangers air càil a ràdh mun chùis an-diugh. Aig an aon àm chaidh an tairgse CVA a chaidh a thabhainn a dhiùltadh gu h-oifigeil aig coinneimh madainn an-diugh aig Ibrox.

Drabastachd Chloinne

Chaidh faisg air 80 neach a chur an grèim agus iad fo amharas gun robh iad ri droch dhìol chloinne. Chaidh an cur an grèim ann an iomairt a bha ag amas air daoine a bha fo amharas gun robh iad a' cleachdadh an eadar-lìn airson droch dhìol a dhèanamh air cloinn.

Eaglais na h-Alba

Tha coithional ann an Glaschu an dèidh Eaglais na h-Alba fhàgail. Dh'fhàg an t-Oll. Urr. Uilleam Philip aig Eaglais Naoimh Sheòrais an Tron, agus 500 duine, an eaglais air sgàth ceist nam ministearan gèidh.

Afganastan

Chaidh saighdear Breatannach a mharbhadh ann an sgìre Helmand. Bhuinneadh e dhan Chiad Bhattalion de na Grenadier Guards. Tha 418 duine bho fheachdan Bhreatainn an dèidh a bhith air am marbhadh ann an Afganastan bho thòisich an cogadh anns an dùthaich ann an 2001.

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.