Dragh mu iasgach a' mhaosgain-chaoil sa Chuan Sgith

  • 14 An t-Ogmhìos 2012
Maosgain-chaola
Image caption Dh'iarr Mgr MacNìll bacadh air bàtaichean mòra a bhith ag iasgach sa Chuan Sgith.

Chaidh iarraidh air Ministear Iasgaich na h-Alba, Ridseard Lochhead, innse an tèid iasgach nam maosgan caola sa Chuan Sgith a dhùnadh aig deireadh an Lùnastail no toiseach an t-Sultain.

Tha Ball nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, air sgrìobhadh gu Mgr Lochhead.

"Tha cùram mòr air gu leòr de dhaoine gun tèid an t-iasgach a th' againn air a' chosta an air a dhùnadh anns a' Chuan Sgith deireadh an Lùnastail 's toiseach an t-Sultain," thuirt e.

"Agus ma thachras sin bidh daoine gun chosnadh airson trì no ceithir mìosan den bhliadhna seo.

"Bu mhath leamsa gun cuireadh Riaghaltas na h-Alba seòrsa de bhacadh air cho mòr 's a bhios einnsin aig bàt-iasgaich a bhios a' dol a-steach don Chuan Sgith 's ag iasgach an sin.

"A rèir 's cho mòr 's a tha meudachd nam bàtaichean am bliadhna, tha e coltach gun tèid an t-iasgach a dhùnadh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile