Coimisean a' tarraing chroitean bho chroitearan neo-làthaireach.

  • 13 An t-Ogmhìos 2012
Talamh-croite
Image caption Chaidh 673 croitearan neo-làthaireach aitheachadh.

Thèid innse do sheachdnar croitearan neo-làthaireach gu bheil iad a' call an cuid chroitean, an dèidh co-dhùnaidh a rinn Coimisean na Croitearachd.

Innsidh iad cuideachd do chòignear neo-làthaireach eile a th' air a bhith fo chomhair a' Choimisein o chionn fhada, gun tèid gluasad nan aghaidh.

Tha an Coimisean ag ràdh gu bheil iad a' tighinn teann air feadhainn nach eil a' fuireach faisg air an fhearann aca, no nach eil ga chur gu feum sam bith.

Thathas ag amas an-dràsta air dèiligeadh ri feadhainn nach do ghabh gnothach ris an croitean o chionn deich bliadhna no an còrr.

673 Croitearan

Thuirt an Coimisean gun tug am pròiseas fo an deach na co-dhùnaidhean seo a ruighinn a h-uile cothrom do chroitearan cùisean a rèiteach iad fhèin.

"Mur a tachair sin, feumaidh sinn an ceum mu dheireadh a gabhail agus na croitean a shaoradh do dhaoine eile a tha deònach an cleachdadh, agus pàirt a ghabhail ann am beatha choimhearsnachdan croitearachd," thuirt Cathraiche Eadar-amail a' Choimisein, Sandy Cross.

Mar phàirt den Iomairt Chòmhnaidh a chuir an Coimisean an gnìomh, chaidh 673 croitearan neo-làthaireach aithneachadh, agus chaidh a h-uile cùis a bh' air leantainn còrr is deich bliadhna a sgrùdadh.

A rèir a' Choimisein, chaidh 340 de na cùisean sin a rèiteach.

Ann an 146 cùisean eile, tha an croitear a-nis a' fuireach air, no faisg air a' chroit aca.

Feumar fuireach nas fhaisge na 32 cilemeatar air chroit ma 's ann agadsa a tha i.

Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air 252 chùis, agus na croitearan a tha an sàs air aontaidhean a dhèanamh a bhith a' fuireach taobh a-staigh an astair ro-sgrìobhte, no an Coimisean air gabhail ri leisgeulan iomchaidh.

Ach tha 57 cùisean mu bheil an Coimisean ag amas air fios a chur air a' chroitear gu bheil iad an dùil a' chroit a thoirt bhuapa.

"Tha aig croitearan a th' anns an t-suidheachadh seo ri molaidhean susbainteach a chur air adhart airson an gnothach a rèiteach, no dearbhadh nach biodh e a chum buannachd na coimhearsnachd gun cailleadh iad an croitean," thuirt Mgr Cross.

"Gu bunaiteach, tha sinn a' tighinn gu co-dhùnaidhean a-nis mu àireimh mhòir de chùisean, agus dh'fhaodadh gun cuir sinn a-mach tuilleadh òrdughan crìochnachaidh anns na mìosan a tha romhainn," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile