Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leveson

Tha an t-seann Phrìomhaire, Gòrdan Brown, a' toirt fianais an-dràsta do Rannsachadh Leveson air dòighean-obrach nam meadhanan naidheachd. Thuirt e gu bheil e airson saoirse nam meadhanan a ghlèidheadh, ach gu bheil dragh air gu h-àraid mu inbhe naidheachdais air an eadar-lìon. Thuirt e cuideachd gun do dh'fhulaing esan ionnsaigh phearsanta iomadh turas ann am pàipearan-naidheachd co-cheangailte ri cuspairean aig nach robh gnothach sam bith ri poileasaidh an Riaghaltais.

An Spàinn

Dh'èirich luach nan earrainnean air margaidhean ionmhais na h-Eòrpa le dearbhadh gun toir Sòn an Euro iasad do bhancaichean na Spàinne. Bha àrdachadh 5% air na margaidhean ann am Madrid sa mhadainn, agus chaidh am FTSE ann an Lunnainn suas mu 2%. Bha na margaidhean Àisianach suas mu 2% cuideachd nuair a dhùin iad na bu tràithe an-diugh.

An Eadailt

Tha coltas ann gu bheil an crìonadh a' fàs nas miosa san Eadailt. Tha na h-àireamhan airson a' chiad trì mìosan den bhliadhna seo ag ràdh gun do shearg eaconamaidh na dùthcha mu 0.8%.

An Fhraing

Tha a h-uile coltas ann an dèidh na ciad cuairt de bhòtadh san Fhraing gum bi mòr-chuid sa Phàrlamaid aig Pàrtaidh Sòisealach a' Chinn-suidhe Hollande. Tha Mgr Hollande ag amas air smachd fhaighinn air taigh-ìosal na Pàrlamaid, gus an tèid aige air gearraidhean a chur an sàs leis a bheil e an dòchas an Fhraing a stiùireadh tro thrioblaidean an Euro.

Am Bourbon Dolfin

Thuirt Oifis a' Chrùin nach tèid casaidean a thogail co-cheangailte ri bàs ochdnar criubha nuair a chaidh am bàta, Bourbon Dolfin, fodha faisg air Sealtainn sa Ghiblean ann an 2007. Chaidh car den t-soitheach a bha a' frithealadh air gnìomhachas na h-ola, nuair a ghluais sèana trom a h-acaire air an deic. Thuirt Oifis a' Chrùin nach eil fianais gu leòr ann airson a dhol air adhart le cùis-lagha.

An Lòchran Oilimpigeach

Tha an Lòchran Oilimpigeach ann an Inbhir Nis an-dràsta, an dèidh tighinn à Leòdhas sa mhadainn an-diugh. Chaidh an Lòchran a lasadh tràth sa mhadainn aig Tursachan Chalanais, ged a chuir a' ghaoth às e airson ùine. Chruinnich na mìltean dhaoine ann an Steòrnabhagh an uair sin, airson an lasair fhaicinn air slighe tron bhaile. Cuiridh an Lòchran crìoch air cuairt an là an-diugh ann an Obar Dheathain.