Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

BT

Tha BT air a ràdh gur e iomairt-mèirle a dh'fhàg mòran ann an Iar Thuath na Gàidhealtachd às aonais seirbheis fòn neo bann-leathann an-diugh. Tha iad an amharas gun deach càbal fibre-optic a ghearradh ann an Loch Carrann an-dè, agus na h-eucoraich dhan bheachd gur e copar a bh'ann. Dh'innis BT gur e a-nise dìreach sgìre Sgeuboist san Eilean Sgiathanach a tha gun sheirbheis. Thuirt iad gu bheil dùbhlan mòr mun coinneamh gus cùisean a chur ceart

Leveson

Bidh am Prìomhaire, Dàibhibh Camshron, am measg na bhios a' nochdadh aig rannsachadh a' Mhorair Leveson air an ath-sheachdain. Bidh Nick Clegg, Seòras Osborne, agus Gòrdan Brown cuideachd a' toirt seachad fianais dhan rannsachadh, a tha a' coimhead air modhan luchd-naidheachd, agus na ceanglaichean aca ri luchd-poileataics.

BPA

Chuir na poilis am Ball Pàrlamaid Albannach, Bill Walker, an grèim as-dèidh rannsachadh air casaidean gun robh e a' dochann cuid dha theaghlach. Tha e 70 agus chaidh a thaghadh sa Chèitean an-uiridh. Tha coltas ann gun nochd e sa chùirt ann an Dùn Phàrlain Diuain.

Legionnaires

Tha dùil ri dearbhadh feasgar a bheil àrdachadh eile air a thighinn air an àireamh dhaoine ann an Dùn Èideann air a bheil tinneas Legionnaires. Tha eòlaichean slàinte dhan bheachd gun sguir an tinneas a leudachadh anns na beagan làithean a tha romhainn. Tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil aon de na daoine tha a' fulang le Legionnaires a' faighinn cùram ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis. Thathar dhan bheachd gu bheil 61 neach ann a-nise air a bheil an tinneas, no tha fo sgrùdadh an amharas gu bheil e orra.

Siria

Tha luchd-sgrùdaidh an UN ann an Siria a' dol a dh'fheuchainn an-diugh a-rithist ri faighinn a-steach do bhaile Qubeir, ann an sgìre Hama, far a bheil luchd-iomairt ag ràdh gun do mharbh feachdan co-cheangailte ris an riaghaltas suas ri 80 sìobhaltach. Thuirt an UN gun deach bacadh a chur air luchd-faire an-dè, agus gun deach losgadh orra nuair a dh'fheuch iad a-steach dhan bhaile. Sin uile a' tighinn as-dèidh do Rùnaire an UN, Ban Ki Moon, a ràdh gu bheil fìor-chunnart ann gun tòisich cogadh sìobhalta a dh'aithghearr ann an Siria.

Lasair

Tha an Lasair Oilimpigeach air Alba a ruighinn agus mòran ga leanntainn agus i an-drasta ann an Siorrachd Adhair, ann am baile Chill Mhearnaig. Tha dùil gum bi an Lasair ann an Glaschu feasgar agus cuirm mhòr a' dol ann an Ceàrnag Sheòrais. Ruigidh i Inbhir Nis a-màireach, agus i gus a bhith ann an Leòdhas madainn Diluain.