Atharrachaidhean aig Camanachd an Òbain

  • 7 An t-Ogmhìos 2012
Camanachd an Òbain Image copyright SNS
Image caption Tha seusan car connspaideach air a bhith aig Camanachd an Òbain.

Dhearbh Camanachd an Òbain gu bheil an sgioba-stiùiridh aca air na dreuchdan aca aig a' chluba fhàgail.

Tha seo a' tighinn agus Comunn na Camanachd a' rannsachadh tachartas ann an geama eadar sgioba an Òbain agus Loch Abar ann an Cupa a' Bhaile Mhòir aig deireadh a' Chèitein.

Chaidh fear de chluicheadairean an Òbain, Matt Rippon, a chur far na pàirce le aithrisean a' nochdadh às dèidh làimh gun deach ionnsaigh a thoirt air an rèitire.

Dh'innis Ceann-Suidhe Chamanachd an Òbain, Tony Howlett, gu bheil na manaidsearan, Diarmid Mac a' Mhaolain agus Anndra Pearson, a-nise air seasamh sìos.

Coinneamh Èiginn

Dhearbh an dithis aig coinneimh èiginn gum fàgadh iad na dreuchdan aca sa chluba.

Chaidh co-dhùnadh aig a' choinneimh sin cuideachd gun tèid Matt Rippon a chasg son a' chòrr den t-seusan.

Tha Peadar Mac an t-Saoir agus Gussie Caimbeul air aontachadh stiùir a ghabhail air an sgioba.

Thuirt Mgr Howlett gun deach bruidhinn ris na cluicheadairean air fad mun àireamh de chàirtean dearga aig Camanachd an Òbain am bliadhna, agus gun robh e glè riaraichte leis na freagairtean a fhuair e bhuapa.

Rannsachadh

Tha e coltach nach eil an gnothach seachad aig sin ge-tà is Comunn na Camanachd a' coimhead air na thachair sa gheama eadar an t-Òban is Loch Abar.

Dhearbh an Comunn gu bheil an obair-phàipeir mun gheama a-nise aca agus gu bheil an rannsachadh aca mun ghnothach a' leantainn.

A dh'aindeoin na connspaid far na pàirce tha sgioba an Òbain a' dol glè mhath san lìog.

Tha iad aig mullach Lìog Deas 1 le 12 puing à 6 geamaichean agus a h-uile coltas ann gun till iad air ais dhan Phrìomh Lìog - bliadhna às dèidh dhaibh an t-àite aca san lìog sin a chall.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile