Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sgoiltean Eileanach

Thig Comhairle nan Eilean Siar gu co-dhùnadh an ceann cola-deug air dè thachras dha na ceithir sgoiltean dùthchail mun robh a' chùis-lagha a thog iad an aghaidh an Riaghaltais. Bhuannaich a' Chomhairle a' chùis aig Cùirt an t-Seisein. Ach chan eil fhios fhathast cuin a dhùineas Bun-sgoil Sheileaboist anns na Hearadh, Bun-sgoil Chàrlabhaigh agus Àrd-sgoiltean dà bhliadhna Shiaboist agus Lionail ann an Leòdhas.

Legionaires

Tha Rùnaire na Slàinte, Nicola Sturgeon air innse do Bhuill-Phàrlamaid gu bheil cùisean den ghalar Legionaire fhathast ag èirigh air taobh an iar-dheas Dhùn Èideann. Tha 24 cùisean a-nis dearbhte, agus tha 27 duine eile fo amharas gu bheil e orra. Tha aon fhireannach air a bheatha a chall thuige seo. Tha rannsachadh a' leantainn air cò às a thàinig an galar anns a' chiad dol-a-mach, agus thuirt an Riaghaltas gun robh iad an dòchas gum biodh fiosrachadh a bharrachd aca anns na beagan làithean a tha romhainn.

Siria

Tha am Prìomhaire Dàibhidh Camshron air a ràdh gu bheil e brùideil agus uabhasach mar a thathar a' marbhadh shìobhaltach ann an Siria. Tha luchd-iomairt dùbhlannach na dùthcha ag ràdh gu bheil uabhas eile air 86 fhàgail marbh ann am baile ann an sgìre Hama. Tha iad a' cumail a-mach gur e boireannaich is clann a bh' ann am mòran a chaill am beatha. Thuirt aithrisean air telebhisean na stàite gun robh na feachdan tèarainnteachd air cobhair a dhèanamh air muinntir a' bhaile a bha a' fulang ionnsaigh bho cheannaircich.

An Spàinn

Chaidh aig an Spàinn air €2bn fhaighinn air iasad bho mhargaidhean ionmhais an t-saoghail. Tha sin a' sealltainn gun urrainn don Spàinn airgead fhaighinn air iasad, ach tha an ìre rèidh a tha iad a' pàigheadh gu math àrd. Aig an aon àm ann am Berlin, tòisichidh còmhraidhean a dh'aighearr eadar Angela Merkel, Ceannard na Gearmailt, agus am Prìomhaire Dàibhidh Camshron air staing ionmhais an Euro. Thuirt Mgr Camshron an-raoir nach robh e ceart a bhith a' coimhead ris a' Ghearmailt gus trioblaidean ionmhais an Sòn air fad a rèiteach.

Ìre an Rèidh

Foillsichidh Banca Shasainn an co-dhùnadh as ùire aca air ìrean rèidh san uair de thìde a tha romhainn. Ged a thathar a' creidsinn gum fuirich sin aig 0.5%, tha mòran aithrisean ann gum foillsich iad gun tèid airgead ùr a bharrachd a chruthachadh mar dhòigh gus piseach a thoirt air fàs na h-eaconamaidh.