Co-dhùnadh an ceann cola-deug air sgoiltean

  • 7 An t-Ogmhìos 2012
Cùirt an t-Seisein
Thug am breithneachadh cead don Chomhairle na sgoiltean a dhùnadh.

Thig Comhairle nan Eilean Siar gu co-dhùnadh an ceann cola-deug no mar sin mu na thachras do na ceithir sgoiltean dùthchail a bh' aig teas-meadhan na cùis-lagha aca an aghaidh an Riaghaltais.

Chaidh leis a' Chomhairle nan iomairt-laghail airson bun-sgoiltean Chàrlabhaigh agus Sheileaboist, agus roinnean àrd-sgoile Lionail agus Shiaboist a dhùnadh.

Chan eil e soilleir fhathast cuin a thachras sin, agus a' Chomhairle air a bhith airson na sgoiltean a dhùnadh deireadh na h-Ògmhios.

Ach tha cuid ag ràdh a-nis gum bu chòir coimhead ris a' ghnothach a-rithist.

Tha tè de na pàrantan a bha a' strì gus bun-sgoil Sheileboist anns na Hearadh a chumail fosgailte, ag ràdh gum feum conaltradh a bhith ann a-nise eadar comhairlichean, pàrantan agus an luchd-obrach aig na sgoiltean a dh'fhadoadh dùnadh.

Tha Rhoda Chaimbeul cuideachd ag ràdh gu bheil co-dhùnadh na Cùirte a' togail cheistean mun Achd a chaidh a' stèidheachadh anns an lagh gus dìon a chur air sgoiltean dùthchail.

Tha dragh air cuid de phàrantan eile mun bhuaidh a bheireadh a bhith a' dùnadh nan sgoiltean air na coimhearsnachdan aca.

Thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gu bheil e cudromach gun tigear gu co-dhùnadh san aithghearrachd gus cur às don mhì-chinnt a th' air an gnothach a chuairteachadh.

Ach tha fear de Chomhairlichean Nis, Iain Moireasdan, ag ràdh gur e an co-dhùnadh a bu chòir a dhèanamh, gun cumar na sgoiltean fosgailte co-dhiù bliadhna eile.

Tha Mgr Moireasdan den bheachd gun cuir a' mhòr-chuid de na Buill an aghaidh a bhith a' dùnadh nan sgoiltean aig deireadh na teirme sgoile seo, nuair a bhòtas an Làn-Chomhairle air a' ghnothach.

B'e briseadh dùil a bh' anns an ath-bhreithneachadh do BhPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a tha cuideachd na Mhinistear anns an Riaghaltas, agus a bha a' cur an aghaidh a bhith a' dùnadh nan sgoiltean.

Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè dìreach a nì an Riaghltas ri linn an ath-bhreithneachaidh, agus cothrom aca fhathast ath-thagradh a dhèanamh na aghaidh.

'S ann mar phàirt de dh'iomairt cùmhnaidh airgid a tha a' Chomhairle airson na sgoiltean a dhùnadh, agus iad ag radh gu bheil e na chosgais £1m dhaibh an cumail fosgailte bliadhna.