Iomain meadhan na seachdain

  • 6 An t-Ogmhìos 2012
Iomain
Image caption Chaidh na geamaichean a ghluasad air sgath RockNess.

Bha dà gheama iomain ann meadhan na seachdain agus cuid de chluicheadaran air là dheth iarraidh Disathairne air sgath RockNess.

Oidhche Dhiardaoin rinn Loch Carran a' chùis air a' Mhanachainn 2-1 ann an Lìog a Tuath 1.

Chuir Gregor Cushnie Loch Carrann air thoiseach 2-0, agus ged a fhuair Jamie MacIllinneinn tadhal air ais dhan Mhanachainn chrìochnaich an geama 2-1.

Oidhche Chiadain rinn Gleann Urachdain a' chùis air Baile Ùr an t-Slèibh 2-1 ann an Druim na Drochaid ann an Lìog a Tuath 2.

Bha an Gleann dà thadhal air thoiseach aig leathach ùine, na tadhail a' tighinn bho Sheumas Mac a' Phearsain agus Ben Hosie.

Fhuair am Bàile Ùr tadhal air ais bho Drew Dòmhnallach ach chrìochnaich an geama 2-1.

Sin dìreach an darna gheama a tha Baile Ùr an t-Slèibh air call san lìog agus tha e a' fàgail sgioba a' Ghlinne san darna àite, còig puingean air an cùlaibh.