Iùbailidh ga chomharrachadh

A' Bhàn-righ agus am Prionnsa Filip Bha amisir na b'fheàrr air Ghàidhealtachd na bha ann an Lunnainn air a shon.

Tha an Iùbailidh ga chomharrachadh ann an iomadach dòigh air feadh na Gàidhealtachd.

Chaidh teine an Iùbailidh a chur thuige os cionn Chaisteil Inbhir Nis oidhche Luain.

Bha pàrtaidhean sràide is dannsaichean gan cumail.

Gabhaidh cuid de chloinn-sgoile na Gàidhealtachd gnothach ris Dimàirt, agus sgoiltean a' cumail là Iùbailidh.

Chaidh seirbheis taingealachd eacumainigeach a chumail ann an Cathair-Eaglais Inbhir Nis oidhche Luain.

'S ann an Inbhir Pheofharain a bha fear de na pàrtaidhean sràide as motha, air Àrd-Shràid a' bhaile.

Bha an Comh. Alasdair MacFhionnghuin am measg na chuir air dòigh am pàrtaidh.

"'S e là mìorbhailleach a th' ann an seo an-diugh. Tha sean is òg air tighinn an seo an-diugh, agus tha sluagh math ann," thuirt e.

"Tha a h-uile duine uabhasach toilichte mar a tha cùisean. Tha an là beagan nas fheàrr na bha an-dè ann an Lunnainn.

"Bha sinn, mar chomhairlichean, airson mar a tha iad a' dèanamh air feadh Alba agus ann an Lunnainn agus àiteachan eile, airson seo a dhèanamh airson taing a thoirt airson 60 bliadhna den Bhàn-righ a bhith a' coimhead às ar dèidh," thuirt e.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.