Coille chudromach a' crìonadh an Cataibh

  • 30 An Cèitean 2012
Coille fheàrna aig Loch Fleòid
Image caption Thòisich an trioblaid mun àm 's a thòisich dòigh ùr air na geataichean uisge a chleachdadh ann an 2001.

Tha coille fheàrna ann an Cataibh, a tha cudromach aig ìre eadar-nàiseanta a' crìonadh, a rèir sgrùdaidh a rinn Dualchas Nàdarra na h-Alba (SNH).

Rinneadh sgrùdadh air cearcaill fhàis nan craobh aig Tèarmann Nàdarra Nàiseanta Coill' Fheàrna na Mùnd, aig Loch Fleòid, a sheall gur dòcha gu bheil ceangal aig mar a tha slàinte nan craobh a' crìonadh ri mar a thathas a' cumail smachd air uisge an locha le geataichean uisge.

Tha an uisge a th' air a chumail leis na geataichean dualtach bith-bhloigh fungasach (Phytopthora alni) a thoirt seachad do na craobhan.

'S i a' choille an làrach as fhaide tuath ann am Breatainn far an deach an galar mairbhteach seo a lorg.

Structar Clàraichte

Tha fiosrachadh a fhuaireas bho chearcaill fhàis nan craobh a' sealltainn gun do thòisich seo a' toirt buaidh mun bhliadhna 2000, mun aon àm 's a thòisicheadh air na geataichean uisge a chleachdadh ann an dòigh ùir. Suas gu 2001, bha duine air fhastadh airson am fosgladh nuair a bhiodh uisge mòr san loch.

'S toil le craobhan feàrna fàs ann an talamh a tha fliuch, ach cha toil leotha idir na freumhan air fad aca 's an stocan a bhith fo uisge tro na ràithean fàis.

'S ann air Còmhdhail na h-Alba a tha uallach gheataichean uisge na Mùnd. Tha còmhraidhean a' leantainn eadar a' bhuidheann sin agus Buidheann Dìon na h-Àrainneachd (SEPA) feuch dòigh a lorg air slàinte na coille a leasachadh.

Tha a' choille air a meas cudromach air sgàth na tha de dh'eòin uisge innte, a thuilleadh air seann chraobhan giuthais, feàrna agus uinnseinn.

Image caption Tha na geataichean nam pàirt de structar chlàraichte.

"Tha dragh gu sònraichte mu shlàinte nan craobhan sa choille seo, leis gu bheil i air a h-aithneachadh mar fhear de na h-eisimpleirean as fheàrr san dùthaich de choill' fheàrna a' fàs air màgh tuile," thuirt Eòlaiche Choilltean SNH, Jeannette Hall.

"'S i a' choille inbhireach as motha ann am Breatainn, agus tha comharra sònraichte Eòrpach oirre. Tha uallach laghail oirnn dèiligeadh ri crìonadh air na làraichean Eòrpach seo," thuirt i.

Tha cuideachd an drochaid sa bheil na geataichean suidhichte na duilgheadas don t-suidheachadh.

"Tha na geataichean uisge, a chaidh a thogail anns na h-1800an, gan obrachadh fhèin leis an làn, agus tha iad mar phàirt de structar chlàraichte, rud a tha ga dhèanamh nas duilghe dèiligeadh ris an trioblaid," thuirt tè-labhairt do Chòmhdhail na h-Alba.

"Ach tha buaidh sam bith a dh'fhaodadh iad a thoirt air an àrainneachd mu thimcheall orra nan adhbhar dragh dhuinn, agus tha sinn an-dràsta ann an còmhraidhean le SEPA agus SNH feuch a bheil ceangal eadar na geataichean uisge agus an galar a th' anns a' choillidh.

"Ma 's fìor gu bheil, bidh sinn ag obrachadh gu dlùth còmhla riutha gus dèanamh cinnteach nach tèid tuilleadh cron a dhèanamh air a' choillidh," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile