Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha Kofi Annan, Tosgaire an UN gu ruige Siria, ann an Damascus aig còmhraidhean ris a' Cheann-suidhe Assad. Thuirt Mgr Annan a-rithist gur e cùis uabhais a bh' anns an ionnsaigh a thug feachdan Siria air baile Houla an t-seachdain seo chaidh far an deach còrr is 100 duine, mòran chloinne nam measg, a mharbhadh.

Crith-thalmhainn

Tha aithrisean ann gun deach sianar a mharbhadh ann an crith-thalmhainn làidir ann an ceann a tuath na h-Eadailt. Bhuail a' chrith-thalmhainn air an aon sgìre san deach seachdnar a mharbhadh ann an crith-thalmhainn eile bho chionn còrr is seachdain.

Afganastan

Thuirt ceannardan feachdan NATO ann an Afganastan gun do mharbh iad fear de cheannardan al Qaeda le ionnsaigh itealain chogaidh ann an sgìre Kunar. Thuirt an aithris gur e Sakhr al-Taifi an dàrna duine as cumhachdaiche a bh' aig al Qaeda ann an Afganastan.

Cìs na Pasties

Tha ministearan an Riaghaltais a' dìon mar a chuir iad às do ghluasad cho connspaideach 's a bh' anns a' bhuidseat mu dheireadh. Cha bhi cìs VAT a-niste air biadh teth airson ithe sa bhad, mar pasties, pies agus sausage rolls, cho fad 's nach tèid an cumail teth an dèidh dhaibh tighinn a-mach às an àmhainn. Tha na Làbaraich ag ràdh gur e cùis mhagaidh a bh' anns a' chùis bho thoiseach.

Nat Friseal

Thèid an diùraidh a chur a-mach an-diugh aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann airson breith a thoirt air cùis Nat Fhriseil. Tha Mgr Friseal, a tha 53, a' dol às àicheadh gun do mhuirt e a bhean Arlene, a chaidh a dhìth às Eilginn ann an 1998.

Siostam a' Bhòtaidh

Iarraidh a' bhuidheann Neo-eisimeileach air Comhairle na Gàidhealtachd sùil as ùr a thoirt air an t-siostam bhòtaidh STV airson taghaidhean, 's iad a' gearain ged a tha barrachd chomhairlichean aca na th' aig na pàrtaidhean poileataigeach, nach eil iad nam buidheann-riaghlaidh. Tha iad ag ràdh cuideachd gur e an siostam sin as coireach gur e cho beag den t-sluagh a tha a' bhòtadh, agus nach eil fiù 's feadhainn a tha a' bhòtadh a' tuigsinn an t-siostaim.