Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thèid an Tosgaire Eadar-nàiseanta do Shiria, Kofi Annan, gu còmhraidhean leis a' Cheann-suidhe Assad ann an Damascus a-màireach, agus càineadh ann bho gach taobh mun ionnsaigh a thug feachdan an Riaghaltais air baile Houla, Dihaoine. Chaidh còrr is 100 duine, 's mòran chloinne nam measg, a mharbhadh. Thuirt Comhairle Thèarainnteachd an UN an-raoir gur e cùis uabhais a th' ann gu bheil Riaghaltas Shiria a' toirt ionnsaigh air sìobhaltaich le tancaichean agus gunnachan mòra.

Blair

Tha an seann Phrìomhaire Tony Blair ga cheasnachadh an-dràsta aig rannsachadh Leveson. Chaidh Mgr Blair a cheasnachadh mu a cheanglaichean ri Rupert Murdoch agus a' bhuidheann naidheachd aige News International nuair a bha e na cheannard air na Làbaraich, agus na Phrìomhaire. Thuirt Mgr Blair nach eil dòigh ann nach biodh càirdeas gu math dlùth eadar ceannardan poileataigeach agus ceannardan nam meadhanan naidheachd, ach dh'aidich e gum faodadh an càirdeas sin a bhith mì-fhallainn aig amannan.

Sir Tom Farmer

Thuirt am fear-gnothaich Albannach ainmeil, Sir Tom Farmer, gu bheil e airson gum fuirich Alba san Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Sir Tom, dham buin a' bhuidheann KwikFit, gu bheil e a' cur a thaic ris an SNP, ach nach eil e fhathast a' creidsinn gur e rud math a bhiodh ann an neo-eisimeileachd. Thuirt e ge-tà gum bi e a' cumail sùil gheur air an deasbad mun chùis.

Ìre Cheadaichte na Dibhe

Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, gu bheil e na phrìomh amas aig Riaghaltas na h-Alba ìre cheadaichte na dibhe airson dràibheadh a lùghdachadh. Thuirt Mgr MacAsgaill gum bi e a' foillseachadh phlanaichean airson sin nas fhaide air adhart air a' bhliadhna.

Cosgais a' Chonnaidh

Tha 28 Ball-Pàrlamaid à naoi pàrtaidhean eadar-dhealaichte a' gealltainn taic do dh'iomairt ùir airson toirt air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte am plana airson 3sg a chur air Cìs a' Chonnaidh san Lùnastal a leigeil às. 'S e an SNP agus a' bhuidheann iomairt Fair Fuel UK a th' os a chionn. Thuirt Fair Fuel UK gur e cosgais a' chonnaidh trioblaid shòisealta cho mòr 's a th' ann am Breatainn.

Machaire Shànais

Thuirt Companaidh Coimhearsnachd Mhachaire Shànais ann an Earra-Ghàidheal gun toir iad brosnachadh air eaconamaidh na sgìre le am planaichean airson seann làrach Feachd an Adhair a tha iad air a cheannach bho Mhinistreachd an Dìon air £1. Tha Ministear na h-Àrainneachd, Stiubhart Stevenson, a' tadhal air an sgìre an-diugh a chluinntinn mun phlana, 's iad a' coimhead, am measg rudan eile, air companaidhean cumhachd ath-nuadhachail a thoirt dhan làraich