Plana ùr do sheann ospadal

  • 25 An Cèitean 2012
Seann ospadal Uibhist a Tuath
Image caption Chaidh an seann ospadal a thogail ann an 1883.

'S dòcha gum feuch coimhearsnachd Loch nam Madadh ri seann ospadal na sgìre a cheannach.

Cheannaich companaidh phrìobhaideach e bho chionn ceithir bliadhna, ach cha deach càil a dhèanamh leis.

Bheachdaich muinntir Uibhist a Tuath aig coinneimh Oidhche Dhiardaoin air na ghabhadh dèanamh leis agus mar a ghluaiseas iad air adhart.

Tha timcheall air ochd acraichean fearainn an cois an ospadail.

1883

Chaidh an seann ospadal, a bha aon uair na thaigh nam bochd, a thogail ann an 1883, agus chaidh a leudachadh agus a leasachadh thar nam bliadhnaichean.

Ach, tha an t-ospadal air a bhith a' dol gun fheum bho chaidh na h-euslaintich a bh' innte a ghluasad gu ospadal Uibhist is Bharraigh ann am Beinn nam Fadhla ann an 2001.

Droch staid

Thuirt Alasdair MacLeòid à Loch nam Madadh, a chuir coinneamh an ospadail air dòigh, gu bheil an togalach ann an droch staid a-nis agus gum bi mòran obrach ri dhèanamh.

Tha àite-fuirich do dh'oileanaich, àite-fuirich do dhaoine à Uibhist, ionad-gnothaich, seòmraichean a gheibheadh a' choimhearsnachd air màl agus goireasan luchd-turais am measg nan rudan a dh'iarradh a' choimhearsnachd a dhèanamh leis an togalach.

Tha iad an dòchas taic fhaighinn bhon Chrannchur Nàiseanta agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean ma thèid cho-dhùnadh feuchainn ris an ospadal a cheannach.