30 cosnadh eile gan sàbhaladh aig UBC

  • 25 An Cèitean 2012
Loidhne-dealain
Image caption Tòisichidh 15 duine as ùr Diluain ag obair air an loidhne-dealain ùr.

Chaidh 30 cosnadh eile a shàbhaladh aig aig meur den chompanaidh UBC a chaidh fodha bho chionn cola-deug.

Tha UBCivils Eta. an sàs ann a bhith a' togail rathaidean agus obair einnsinireachd air an loidhne-dealain ùr aig SSE eadar a' Mhanachainn agus Denny.

Chaidh innse gum bi 15 duine a' tòiseachadh as ùr Diluain a' togail rathaidean agus drochaidean ann an Gleann Moireasdain agus faisg air Cille Chuimein.