Dè cho feumail 's a tha foghlam Gàidhlig?

  • 24 An Cèitean 2012
Seòmar teagaisg Image copyright bbc
Image caption Tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a bhith a' fàs sna bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Tha oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann a' rannsachadh buaidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig airson a' PhD aige.

Leis a' chiad ghinealach a fhuair an cuid foghlaim tro mheadhan a' chànain a-nis ann an saoghal na h-obrach, tha Stuart Dunmore airson faighinn a-mach a bheil am modal foghlaim seo air feum a dhèanamh don chànan.

Thòisich Foghlam tro Mheadhan an Gàidhlig ann an 1985, le aonadan-sgoile a' fosgladh ann an Glaschu agus Inbhir Nis.

Dh'fhàs e gu luath tro na 80an agus na 90an, agus tha a-nis dà sgoil fa-leth a tha a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ann an Alba, le planaichean airson dà eile a thogail air Ghàidhealtachd a dh'aithghearr, a thuilleadh air aonadan-sgoile ann an iomadh ceàrnaidh den Ghàidhealtachd, agus ann am bailtean mòra air Ghalltachd.

Thuirt an t-eòlaiche eadar-nàiseanta air mion-chànanan, Josua Fishman, gum feum mion-chànan àrainneachd san dachaigh, sa choimhearsnachd, agus anns an t-saoghal nas fharsainne, ro, tro, agus às dèidh sgoile, ma tha i gus maireachdainn.

Tha e a' gabhail ris gu bheil àite aig sgoiltean, ach a' toirt rabhaidh gum faod iad a dhol nam meadhan air pàirt de chànan a thoirt do chloinn, gun an cothrom air cànan sòisealta agus làitheil ionnsachadh a bhith aca.

Fad na seachdain seo tha am fear-naidheachd Iain MacDiarmaid a' coimhead ris an fheadhainn a bha còmhla ris fhèin ann am Port Rìgh, nuair a thòisich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an sin.

Tha esan air faighinn gu bheil cuid mhòr dhiubh sin air a' Ghàidhlig aca a chall, agus den fheadhainn aig a bheil i fhathast, nach eil ach triùir a bhruidhneas i gu cunabhallach.

Tha Stuart Dunmore airson cluinntinn bho fheadhainn a chaidh tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus a tha a-nis nan inbhich, gus fiosrachadh fhaighinn son an rannsachaidh aige.

Tha e airson faighinn a-mach dè am beachd a th' aig daoine air a' Ghàidhlig a-nis agus iad air foghlam fhàgail? Dè an gnothach a th' aca ris a' chànan gu làitheil, agus ciamar a tha na rudan seo a' toirt buaidh air mar a chleachdas iad a' Ghàidhlig, 's a bheil iad am beachd a toirt seachad do an cuid chloinne-san?

Dh'iarradh e cluinntinn bho dhaoine - sa Ghàidhlig no sa Bheurla - a chaidh tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig eadar 1985 agus 1992 air a' phost-d aige: s.dunmore@ed.ac.uk