Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Eaconamaidh

Tha figearan ùra ag ràdh gun robh crìonadh nas motha na bha dùil air eaconamaidh Bhreatainn, air a' chiad trì mìosan den bhliadhna. Sheall àireamhan oifigeil gun deach torradh na dùthcha air ais 0.3% bhon Fhaoilleach chun a' Mhàirt, ged is e, a rèir a' chiad tomhais, crìonadh de 0.2% a bh' ann.

An Euro

Tha na margaidhean ionmhais a' sìor fhàs gealtach mun bhuaidh nam fàgadh a' Ghrèig an t-airgead singilte Eòrpach. Thuit stoc deich bliadhna na Gearmailt dhan ìre as ìsle fhathast agus luchd-tasgaidh a' coimhead airson àite nas sàbhailte do an cuid airgid. Thug ceannardan an Aonaidh Eòrpaich còmhraidhean gu ceann anns a' Bhruiseil tràth sa mhadainn an-diugh, le gealltanas gum brosnaich iad fàs eaconamach, ach gun mholadh sam bith a thaobh fuasgladh a thoirt air èiginn an Euro.

Prìs an Deoch-làidir

Cuiridh Pàrlamaid na h-Alba bun-phrìs air deoch-làidir an-diugh leis na Tòraidhean 's na Lib-Deamaich a' toirt taic do Riaghaltas na h-Alba. Agus dh'fhaodadh am Pàrtaidh Làbarach taic a chur ris a' bhile a-niste cuideachd, 's iad a' moladh atharrachaidh fo am biodh an t-airgead a bharrachd a gheibh na bùthainnean mòra ga tharraing air ais. Tha dùil cuideachd gum faodadh tagraidhean laghail an aghaidh an lagha ùir tighinn bho ghnìomhachas na dibhe.

Rangers

Tha an luchd-rianachd Duff & Phelps a tha a' coimhead às dèidh chùisean Rangers a' dol às àicheadh chasaidean a bh' ann am prògram telebhisein a rinn am BBC, gun robh fhios aca mun aonta chonnspaideach a rinn Craig Whyte le Ticketus, mus do cheannaich e an cluba anns a' Ghiblean an-uiridh. Tha Duff & Phelps ag ràdh gu bheil na casaidean sin a' dèanamh dìmeas orrasan, agus gu bheil iad a' beachdachadh air a dhol gu lagh mun deidhinn.

Iolairean Mara

Thuirt Comann Dìon an Eunlaith gu bheil dragh orra mu dhroch bhuaidh air iolairean mara ma thèid leudachadh air tuath-gaoithe ann an Leòdhas, agus Oighreachd Ìsginn a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba an-dràsta mu 30 crann-gaoithe eile a chur ris a' phlana a th' aca airson tuath-gaoithe. Dhèanadh sin cha-mhòr dùblachadh air an tuath-ghaoithe. Ach tha gearainnean làidir ann bho bhuidhnean glèidhteachais mar an RSPB, a tha ag ràdh gun dèanadh e sgrios air na h-iolairean mara.

UBC

Tha dòchas ann gum faigh cuid den luchd-obrach a chaill an cosnadh nuair a chaidh UBC fodha an cuid obrach air ais a chur crìoch air dà phròiseact sna h-Eileanan an Iar. Bha UBC a' togail dachaigh chùraim ùir air an Tairbeart, agus sgeama taigheadais ann an Steòrnabhagh mus deach iad fodha. Tha oidhirp ann a-niste air an obair sin a chumail a' dol fo chompanaidh ùir.