Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m.

23 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Figearan Reic

Chaidh gu math nas lugha na bha dùil a reic de stuth anns na bùthainnean air a' mhìos a chaidh a rèir Oifis na Stataistig Nàiseanta, a thuirt gun robh an àireamh sin sìos 2.3% anns a' Ghiblean. Tha sin leis gun deach mòran nas lugha de pheatrol agus deisel a reic seach mar a thachair sa Mhàirt nuair a bha daoine a' dol nan cabhaig a' ceannach connaidh le dragh gum biodh stailc ann. Agus chaidh nas lugha de bhiadh agus aodach a reic cuideachd.

An Èipheit

Tha sluagh na h-Èipheit a' bhòtadh le saorsa airson Ceann-suidhe ùir airson a' chiad uair riamh ann an eachdraidh na dùthcha. Tha an taghadh ann 15 mìosan an dèidh ar-a-mach a fhuair cuidhteas a' Chinn-suidhe a bh' ann, Hosni Mubarak. Tha ceathrar anns an taghadh, dithis Ioslamach, agus dithis a bha nam ministearan ann an riaghaltas Mubarak.

Ioran

Tha riochdairean Ioran agus sia de phrìomh dhùthchannan eile an t-saoghail, a' cruinneachadh ann am Baghdad, prìomh bhaile Iorac, a dheasbad prògram niuclasach Ioran. Thàinig e am follais cuideachd gu bheil Riaghaltas Bhreatainn air comhairle laghail a ghabhail mu dè phàirt a bhiodh aig Breatainn, nam biodh pàirt idir, ma 's e 's gun toireadh Israel ionnsaigh air ionadan niuclasach ann an Ioran.

Rèiseamaidean na h-Alba

Thèid iarraidh air ministearan ann an Riaghaltas Westminster cur às don mhì-chinnt mu rèiseamaidean na h-Alba aig deasbad ann an Westminster an-diugh. Thuirt Ministreachd an Dìon gum feuch iad ris na bràistean traidiseanta a ghlèidheadh air na cìp, ach cha chanadh iad dè na battalionan dham faodadh iad cur às, no a chur còmhla.

Barraigh

Tha dùil gum bi dà phlèana ùr air seirbheis adhair Bharraigh an ath-bhliadhna. Dh'innis am Ministear Còmhdhail, Cè Brown, gu bheil Riaghaltas na h-Alba an dòchas cùmhnant airson dà phlèana ùr fhoillseachadh a dh'aithghearr. Tha dà itealan Twin Otter a' frithealadh na sgìre an-dràsta, ach tha dragh ann mu aois nam plèanaichean sin agus cho cosgail 's a tha e an càradh.

Tha dùil gum faigh Comhairle nan Eilean Siar co-dhiù £500,000 eile bho na th' air fhàgail de stòras a' bhanca BCCI a chaidh fodha bho chionn còrr is 20 bliadhna. Chaill a' Chomhairle còrr is £24m, nuair a chaidh am banca fodha, ann an 1991. Ach tha iad air an t-suim sin agus beagan a bharrachd fhaighinn air ais mar thà.