Dòchas son itealan ùr do Bharraigh

Itealan Twin Otter Tha na twin otters a th'ann an dràsta a' fàs aosda

Dhearbh Ministear na Còmhdhail, Cè Brown gu bheil an riaghaltas an dòchas tagraidhean fhaighinn son itealain ùra do Bharraigh.

Tha iad an dùil an t-òrdugh a chur a-steach ro dheireadh an Dàmhair 2012 agus gum bi na h-itealain ùra deiseil son an cleachdadh ro dheireadh a' Mhàirt 2013 nuair a thig cùmhnant nan twin otters a th'ann an dràsta gu crìoch.

Thuirt BPA na sgìre Alasdair Allan gun robh an t-seirbheis deatamach dhan eilean 's e a' toirt buaidh air a h-uile sian bho shlàinte gu turasachd.

An Tràigh Mhòr

"Tha iad cudromach dha muinntir Bharraigh son faighinn a thìr-mòr no a dh'Uibhist".

Tha cudrom air a bhith ga chur air an riaghaltas, itealan ùra fhaighinn son na seirbheis neo-àbhaisteach seo, far a bheil iad a' laighe air an Tràigh Mhòr.

Thuirt an riaghaltas gu bheil e na amas dhaibh na seann itealain a thoirt far na seirbheis agus itealain ùra a tha freagairt riaghailtean sàbhailteachd a chur nan àite.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.